Skip to main content

‹‹‹ prev (126)

(128) next ›››

(127)
Air gach oirleach dhe t' f hearann,
'S bha gach nainhid 'na charid ;
Fhuair thu reite Mhic-Cailain,
'S Mhorair Hunndidh nan seang-each ; —
Cha robh feum dhaibh bhi 'd leanailt ; — -
'S thug Mac-an-Toisich coir thairis le taing
dhuit.
Cha robh Seanilair aite,
A fhuair comas, air airde,
Ann san t-seirbhis 'bu ghnath leat,
An am cruinneachadh Ghaidheal,
No suidheachadh larich,
No fuathais mo gabhidh,
Nach iarradh thar chaich thu ; —
Naile ghabhadh iad pairt dhe d' thoil chainnte.
Gum bu shona do shiuagh dheth,
'S iad fo d' thearmunnn a gluasad ; —
Saighail, onarach, buadhail,
Le ceill, is gliocas, is cruadal,
'S anns gach meas mar bu dual dhaibh,
Gun an gleachdair bhi 'n uachdar.
No neach a nochdadh "san uair sin daibh
naimhdeas.
Beirt a 's measa 'rinn t' uaislean,
'S iad an lathair san uair sin,
'N deidh gach urram a fhuair thu,
'S gur tu b' urra gum fuasgladh
Aig a bhail' agus uaithe,
'N am 'bhi 'treachailt na h-uaghach
Dha d' chorp prisail gun truailleadh,
Nach do nochd iad do shuaicheantas teann
ort.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence