Skip to main content

‹‹‹ prev (120)

(122) next ›››

(121)
Ill
Meoir f hada chaol dhireach
'Thairneadh riomhadh air ban ;
Ann an cleaclidadh an t-sioda
Chuirinn f hin sud an geall,
Nach h-'eil ann san tir so
De dh-f hior Chlanna-Gall
Na bhuidhneadh barr gill ort
Ann an grinn obair lamh.
Glac gheal a nii 'n sgriobhadh
Gu finealt' 'n uair 's aill,
Ga tharruinn gu lionmhor
Le innleachd do lamh.
Beul le 'n leughar an Biobull
Gu cinnteach gach trath ;
Glac creideamh is firinn
'S lean a chaoidh riu mar ghnaths.
'Gheug uasal gun chrine
'Dh' f has direach o lar,
Tha da phog mar bhlas fiona
'Chuireadh inntinn fo agh.
Ort a dh' f has an cul sniomhain
Mar dhithean am blar,
Nach greannach r' a chireadh ;
'S lionmhor ti air a bharr.
Deud cailce gun sgor ann,
'S e gun bhosd, is gun bhreig ;
Beul a 's binne 'ni comhradh
Na 'n smeorach air geig.
'Nuair a ghabhadh tu 'n t-oran
'S do mheoir ri cur greis',
Ge b' e 'chluinneadh an ceol sin
Gum bu bhoidhch' e na teud.
'Thaobh aithghearr beag eolis, —
Brigh mo dhochis nach gann, —

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence