Skip to main content

‹‹‹ prev (67)

(69) next ›››

(68)
57
Mnr bhaiT feoir a 's diombuain blath.
Bheir mios' de dh-euslaint' an nuas
An sniiadh a's dreachmhoire fas;
Dreach aluinn is dealbh gach duil
lompar gu uir leis a bhas.
Cuimhnich do Chruithear 'tha shuas,
'8 cuir uigh gu h-ionilan na 'ghras;
'S gum b' e do ghliocas 's do chiall
A riar a dheanamh do ghnath.
'S lionmhor laoch tha ort an toir,
8ud na sgeoil nach binn learn fein;
Cuid diu "tha camadh nan beoil,
'S cuid diu tha 'n sron fo 'n aon ghleus.
Chan fhas ubhlan air an dris,
i^o deagh mheas air coille chrin,
'8 ni 'n creidinm gua cridhe cruaidh
'Tha fo 'n ghruaidh a 's maisich' sgeimh.
T' ainm ni aithreach learn a luaidh,
'8 gur ionnan d' a fhuaini 's d' a ghne,
Nigh 'n Dhomhnuill o Chuil nan Sonn; —
Sud am fonn san robh ar freumh.
8o dhuit-s', a chailin nam buadh,
Tiodhlac de shuairceas mo bheoil,
Is thoir na chomain an duais
A's cubhidh dha t' uaisle mhoir.
Phos nighean Dhomhnuill fear eile, a
reir coltais Caimbalach no Camaranach.
Miochniseach, bewitching.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence