Skip to main content

‹‹‹ prev (295)

(297) next ›››

(296)
278 DAIN AGUS ORAIN.
ACHMHASAN B E A G
do dh'alasdair e fhein.
Air Fonn : — " 'S e mo laochan an t-Each Odhar.
'S iongantach leam fhèin do nàdur,
'S gur ogha d'an Dotair Bhàn thu,
'Sabaid ri fir mhòr a' Bhràighe,
'Fàsgadh asda gamhlais.
Ged a bhruidhinn thu mu'n sgadan,
Cha d'thuirt thu dùrd mu na bhradan,
No na h-eòin a tha 's an ealtainn,
Ga'n glacadh gun taing dhuinn.
Foighneachd thusa Phàraig Bàn,
'S innsidh e dhuit ann an Gàidhlig,
H-uile bolla de mhin bhàn,
Tha'n da.il orra bho Chaingis.
Chuir mise fios gu ' Clach-na-Cùdainn, :
'S foighneachaidh e'n Ionarùraidh,
'S 'n uair a thilleas iad ga ionnsaidh,
An cunntas bidh meall ann.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence