Skip to main content

‹‹‹ prev (269)

(271) next ›››

(270)
252 DAIN AGUS ORAIN.
FAGAIL EILEAN-A'-CHEO.
Luinneag : — Och mar thà mi 's mi cur mo chùl
Ris an Eilean chùbhr' anns an robh mi 'm
òige;
A' falbh gu Gahdachd a shiubhal chabhsair,
'S cha chluinn mi srann dhe na chainnt bu
chòir dhomh.
Gu bheil còrr is da fhichead bliadhna,
Bho'n rinn mi triall as 'chur rian air pòsadh,
'S cha bheag a' mhiorbhuil gùn thìll mi 'm chiall ann,
'S na fhuair mi riasladh o làmh luchd-fòirneart.
Bha mi tàmh ac' aig Clach-na-Cùdainn,
Corr 's leith na h-ùine o'n thugadh treòir dhomh,
'S e'n torran ùrach 'tha dhomh cho cùbhr ann,
Gun tugainn sùil oirre fhads' bu bheò mi.
Ach dh'aindeoin buairidh is tonnan uaiblireach,
Is iomadh truaigh a tha'n dual dha m' sheòrsa,
Tha eibhleag uasal na laighe 'n uaigneas,
A chumas suas mi cho fhad's is beò mi.
Cha robh dualachas aig mo shìnnsir,
Ri tearr no hth bhith na sgìom ri 'm meoirean,
'S am Bàillidh dìblidh a thug mo bhìnne,
Gum fàg mi dhileab dha lìnn gu ceòl dhaibh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence