Skip to main content

‹‹‹ prev (267)

(269) next ›››

(268)
250 DAIN AGUS ORAIN.
'S gun robh beannachd an luchd-dùthcha,
Anns na siùil an là a dh'fhag iad,
A chuir car de Chuibhl' an FhortaÌD,
Leis na nochd na laoich an tàlant.
A chuir car de Chuibhl' an Fhortain,
Leis na nochd na laoich an tàlant,
Cuimhneachadh nan gillean gaolach,
Thog 's a shaothraich an deagh mhàthair.
Cuimhneachadh nan gillean gaolach,
Thog 's a shaothraich an deagh mhàthair,
'S iomadh neach a fhuair cuid oidhche,
Agus caoimhneas riamh na 'm fàrdaich.
'S iomadh neach a fhuair cuid oidhche,
Agus caoimhneas riamh na 'm fàrdaich,
Cuimhneachadh an fhìor dhuin-uasail,
Dh 'fhòghlum suas na h-uaislean àluinn.
Cuimhneachadh an fhìor dhuin-uasail,
Dh'fhòghhim suas na h-uaislean àluinn,
Aithnichear iad am measg nan Gàidheal,
A bha riamh a' triall nan sràidean.
Aithnichear iad am measg nan Gàidheal,
A bha riamh a' triall nan sràidean,
Aithnichear air an cruth 's an cainnt
Gur ann 's na glìnn a chaidh an àrach.
Aithnichear air an cruth 's an cainnt
Gur ann 's na glinn a chaidh an àrach,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence