Skip to main content

‹‹‹ prev (187)

(189) next ›››

(188)
170 DAIN AGUS ORAIN.
'S cha dpalaichidh i gu bràth ris
Air sàil' gus na chuir i e,
Bhan-Dòmhnullach urramach.
Theid fìos a null thar sàile
Gu Canada is àirde,
Gu Dòmhnullaich mo ghràidh
Agus àireamh dhiubh fuireach ann,
Na Dòmhnullaich urramach.
Sir Ian dhaibh na cheannard
'S iad uile fo chommand ann ;
'S gm mi rinn an toil-ìnntinn
An raoir nuair a chunna mi
Mu'n Dòmhnullach urramach.
E deich 's tri fìchead bliadhna
'S a cheann a nis air Hathadh,
'S a cheum a cheart cho èasgaidh
Ri fiadh anns na monaidhean,
An Dòmhnullach urramach.
Tha Dòmhnullaich ro fhiachail
A tamh 'san Eilean Sgiathach,
'S tha fear dhiubh ann an Liandail
Rinn miorbhuil neo-chumanta,
An Dòmhnullach urramach.
Rinn e rathad dha'n each iaruinn
Troimh bheanntaichean ro iargalt'
'S theid coisichean gun phianadh
Mar ian thar nan tulaichean,
Na Dòmhnullaieh urramach.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence