Skip to main content

‹‹‹ prev (133)

(135) next ›››

(134)
116 DAIN AGUS ORAIN.
'N uair chì thu na fir bheaga
Tha cho beadarrach m' an cuairt di,
Nan diùlnaich chalma, smearaìl,
Bheir e spionnadh dha do ghuallainn.
'N uair dh' fhalbhas iad o'n bhaile,
Gur-a math a ni iad cnuasach,
'S 'n uair thilleas iad a' s' t-earrach
Cha bhi sporan falamh, fuar, ac'.
Bidh fear le cleòca sgàrlaid,
'S fear le fàinne nach bi suarach ;
'S their fear, toirt gùn d' a mhàthair,
" So, càirich sin m' an cuairt duit."
'N uair thig i gu aois searbhanta,
N' tè chamlagach is buadh'che,
'N sin cnagaidh tu do mheòirean
Ris a' ffhòrai°f nach toir cluas duit.
'N uair thig crìoch air lagh an fhearainn,
Bidh do sgalagan m' an cuairt duit,
'S bidh Màiri air a goireas,
Falbh le cuinneig gus a' bhuaile.
Bidh ' Smeòraichean ' is ' Mòinneagain,'
'S gach ainm air bò a chualas,
Ga 'n eigheach gus an eadradh,
'S na laoigh-bheaga ruith m' an cuairt daibh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence