Skip to main content

‹‹‹ prev (115)

(117) next ›››

(116)
98 DAIN AGUS ORAIN.
Gun d' thuirt Alastair Mac-Iain,
" B' fhearr gun treigeadh tu na briagan."
" Chan urrainn domh sin a dhianamh,
Ni iad ciad is còrr dhomh.
" Nach 'eil thu faicinn mar tha 'n dùthaich ?
'S mo theaghlach cho mòr ri 'n cùnntadh ;
Cha bhiodh slat tighe os mo chionn,
Na 'n tionndai'nn o mo sheòltachd."
'S mithich dhomh sgur dhe mo sheanchus,
Tha e teannadh ris an anmoch ;
Slan le fear-cinnidh mo sheanmhar,
'S b' ainmeil thu bho d' òige !

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence