Skip to main content

‹‹‹ prev (90)

(92) next ›››

(91)
1'AKiHK NA CLOIMHK. 73
'N uair a thogas mi mo shiùil,
Gun seòl mi null gu Liandail,
'S 'n uair a ruigeas mi Dun-hhuirbh,
Cha bhi mo chuirra ri iarraidh ;
'S ged a chrìonadh leis a' bhàs
Na craobhan dh' fhàs cho fiachail,
Dh' fhag iad meanglain air an làraich
A ni 'n àite lionadh.
Gheobh mi rùsg dhe 'n ehlòimh is fhearr
Eho ghràidhein, Dotair Caimbeul,
Nach do theannaich riamh a ]àmh,
Air neach an càs no 'n teanntaehd ;
Mar a bhrùchdas fuaran fior-uisg
Os a chionn 's an t-samhradh,
Tha do chaoimhneas is do ghaol.
A' taomadh suas fo 'n doimhne.
'S ged tha Sròn-nan-Aighean buan,
Cha d' fhàg mo lùth 's mo thriall mi,
'S o'n tha 'n obair air mo chùram,
Cha bhi tùrn gun dianamh ;
'S 'n uair a choinn'cheas mi' san Fhàsach,
'N t-àrmunn tha cho ainmeil,
Bho 'n a dhearbh e 'spèis do 'n Ghàidhlig,
Cha bhi 'thlàmsan cearbach.
'S iomadh iad dha 'n shìn thu làmh,
Le taobhachdas de dh' airgiod,
Riamh nach cualas bho do bhèul,
'S ga leughadh ann an searmoin ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence