Skip to main content

‹‹‹ prev (76)

(78) next ›››

(77)
ORAN DO ' DIIAIL-NA-CLUAIDH.' 59
ORAN DO 'DHAIL-NA-CLUAIDH.'*
Luinneag. — Beannachd leat, a Dhail-na-Cluaidh,
Gur iomadh bliadhn' a threabh thu 'n cuan,
Fagail Ghlaschu mhoir nau stuadh,
Mu thuath gu tir mo dhùthchais.
Gur iomadh òidhche fhliuch is fhuar,
Ri frasan sneachda 's gaoth a tuath,
Chuir thu Mbàoil le saothair chruaidh,
'S gun bhiadh ach gual is bùrn dhut.
'N uair a dh' eireadh i na glìnn,
Gun snàmhadh tusa fos an cìnn,
'S do chùibhleaehan a' bleith nan tònn,
Mar mholtair ann an òpar.
'N uair rachadh an t-sian na luaisg,
Is cathadh mara mu do chluais,
Chan fhaict' thu ach mar ian 's a' chuan,
'S tu cumail suas do chùrsa.
Gur iomadh frac thug thusa leat ;
Rinn fuasgladh oirnn an àm na h-airc.
'N uair chaidh an tuath a chur fo smachd,
Le àchd nan daoine mòra.
* The Steamev ' Clydesdale.'

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence