Skip to main content

‹‹‹ prev (57)

(59) next ›››

(58)
40 DAIN AGUS ORAIN.
Le 'm fe'ileadhnan-beag' air am pleatadh,
'S an calpannan taiceil cho crùinn,
'S am mnathan 's an clann anns an fhasan,
A' dannsadh ri caismeachd nam piob.
Buaidh le comunn mo ghaoil,
Piseach air comunn mo ghaoil,
'S gun soirbhich gu math leis a' chomunn,
Dha 'n suaicheantas monadh is fraoch.
'N uair ràinig mi dorus an talla,
'S a dh' fhairich mì caithream nam pìob,
'S a chuala mi Ghàidhlig ga labhairt.
Toirt crathadh dhe'n lamhan domh fhìn.
" Cuin thainig thu Glaschu, Mhàiri,
Gur fhada o dh fhàg thu Port-righ,
'S math b' aithne dhuit m' athair 's mo mhàthair,
'N uair bha sinn a' tàmh anns na glìnn."
Cha mhor gun d' tharruing mi m' anail,
'N uair chruinnich na Gàidheil mu m' cheann,
A dh' fhoighneachd dhiom, " Ciamar a tha thu,
No bheil thu na d' shlàint aig an àm ?
Nach tusa bha deanamh nan òran
Chuir onair cho mòr air ar clànn,
Thug a leithid a stialladh do 'n Bhàillidh,
'S do churaidhean Bheàrnaraidh tàing ?"
Fagaidh sinn sin mar a tha e,
Bho choisinn na h-àrmuinn an geall,
A' seasamh cho duineil an àite.
Is ordush a' Bhuillidh cho teànn.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence