Skip to main content

‹‹‹ prev (272)

(274) next ›››

(273)
CNOIC IS GLINN A BRAIGHE.
LE CALUM MAC-GILLIOS, AM MARGARI.
LUINNEAG.
Na cnoic is glinn 'bu bhoidhche leinn
'S iat cnoic is glinn a Bhraighe ;
'An trie 'bha sinn ri manran binn
'Sa chomunn ghrinn a b' f hearr leinn
Chan f heil ait an diugh fo 'n ghrein
'Sam b' f hearr leani fein 'bhi 'tamhachd
Na braigh' na h-aibhne 'm measg nan sonn
O'm faightedh fuinn na Gadhlic.
Do bhruachan gorm 'sam faighteadh spreidh,
Do ghlacan reidh gun airemh,
Mar uachdar thonn, 's an soirbheas trom,
A ruith gu bonn nan ard bheann.
Gur pailt gach flur a fas gu dluth
Air maduin chubhraidh Mhaigh ann ;
Gach doire beo le ceol nan ian
'N uair 'dh' eireas grian le failt' ann.
Bidh sruthain f huar de 'n uisge 's glaine
'Bruchdadh 'mach mu rath'dean ;
Bidh crodh is caoraich pailt ri 'm faotuinn
'Feadh nan aodunn arda.
Gur ceolmhor fuaim na h-aibhne lium
Is sruthan ciuin fo 'h-aithean ;
Cho fad 's a shiubhlas i gu cuan, \
Cha doir mi fuath do 'n Bhraighe.
Gur lionmhor fear ag iasgach bradain
Mu do chladaich bhana ;
Daoin' uaisle Shasuinn 'tigh'nn an nail
A chosg an t-samhruidh lamh-riut.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence