Skip to main content

‹‹‹ prev (129)

(131) next ›››

(130)
lU
GED IS STOCHD Ml 'N DEIGH
CRIONADH.
Oran do Shir lain Mac-Gillean.
LE MAIREARAD NIGH'n LACHAIiVN.
(ired is stochd mi 'n deigh crionadh,
Cha 'n 'eil niiorun air m' aire
Do na fir a bha 'n ruaig orr',
Dh'an robh 'n cruadal aig baile.
An ceann-cinnidh 'bu phriseile
De 'n fhior fhuil 'bu ghlaine
As a' choill a b'fhearr cnuasach
Rinneadh fhuadach tliar mara.
Tha do chinneadh an cruaidh chas,
Tha iad truagh dheth 'gad ghearan;
Bha iad roimhe so sar nihath,
'Niiair a dh'fhagadh thu 'd' leanabh.
'Nuair a thug thu dhaibh solas,
Ghabh thu fogradh a d' fhearann;
Tha do dhuthcbannan bochd dlieth,
Lan de ghort is de dh'ainnis.
Gur h-e m'aighear is m' eudail,
Marcach ur nan steud meara.
Gur mac-samhailt do 'n reul tliu.
Do na ghrein no do 'n gheahiich,
Laigh dubh-smal air na criochan
O'n la 'striochd thu o'n bhaile.
Bu tu iuchair nan Gaidheal
Ann an garadh 's an dainginn.
Gur h-e aona mhac Shir Ailein,
An flath ceanalta daicheil;
Cha bu chularaibh coimheach
'Bhiodh mu d'chomhair an sgathan;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence