Skip to main content

‹‹‹ prev (94)

(96) next ›››

(95)
91
'S an dream a chreid ana na shlainfe,
Bheir a ghras aiseag saor dhaibh,
'S an dream is mo rinn tair air,
Teich' o lathair cha'n f heud iad.
O anam gu churam,
Mis duisg agus snmainich,
'Nuair thig Leoghan treubh Iiulah,
An d'thig thu dluth dha gun uarahas ?
Am feud do chridhe bhith laidir,
Na do lamh a bhith buadhach,
'Nuair a chi thu "na gnloir e,
'S na h-aing'libh glormhor mu'n cuairt da?
Faic an Ti a rinn thu threigsimi,
'S bha thu ceusadh gach la ;
Faic e tighinn 'sna speuraibh,
Mar Righ treun air a chathair ;
Chi thu nise 'na ghloir e,
Tighinn a seornar na'm flaitheas.
A's milltibh dh'aing'libh fo ordugh,
'S iad air a mhorachd a feitheanih.
Chiinn an trompaid 'ga seideadh,
'S fuaim nan speur a dol thairis ;
Tha na mairbh nis toirt geill da,
A's iad ag eiridh o'n takmh ;
Nis dh' fhosgail na h-uaighean,
'S bhruchd an sluagh asd' gu h-ealamh,
'S thug e am follais an sluagh sin,
A bha ann 'sna cuaintean am folach.
Cha'n f hac thu sealladh cho m.or ris,
O'n a thoisich a chruitheachd ;
Tha'n sluagh cho tiugh ris na locuist,
Air bharr an fheoir 's iad a cruinneach' ;
Chi thu bochdan an t-sluagh ann,
'S daoine nailse na cruinne,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence