Skip to main content

‹‹‹ prev (51)

(53) next ›››

(52)
Thig o'n Righ-chathair mhoir,
*S cha d' theid a mheasgadh le bron feadh gach ial
GARAIDH EDEIN.
Nach truagh leibhse mar dh'eirich,
An garaidh Edein do'n t-sluagh ;
Le cuilbheartan Shatain,
Mheall Eubh' agus Adhamh,
Cum uinlachd thoirt dhasan,
An aghaidh Ard-Righ nan sluagh ;
'S thug sud doruinn 's gach ait dhaibh,
'S fhuair am bas orra buaidh.
Thug e'n naomhachd 's an gloir dhiu,
Thug 's an eolas a's an iul ;
'S ge d' bu mhor an cwd solais,
Chain iads' an sin coir air,
Bha cheartas an toir orra,
'S chaidh a throcair air cul ;
A's mar d'thigeadh Slanaighear glormhor,
Bu ro bhronach ar dull.
Ach thainig sgeul aoibhinn,
A chum nam braighdean bha'n sas :
Thainig Iosa, le solas,
Chum an saoradh o'n doruinn,
A's «'n sheas e'n coir dhaibh,
Chaidh Esa a leonadh na'n ait-s' ,
A's tha firinn a's trocair
Air comhlachadh na bhas.
Nach aoibhinn an sgeul
Tha ga leubhadh do'n t-sluagh ?

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence