Skip to main content

‹‹‹ prev (368)

(370) next ›››

(369)
Uara Jlios a' Glieamhraidli, 1874.
AN GAIDHEAL.
865
chuir e suas, aig a chosdas fhein, an tigh
aims an robh e aig an am so a chomh-
niiidli — tigh beag, comhflmrtachail le
garadli air an taobh-beoil anns am b'
abhaist do Eogbau 'fheasgair a cbui-
seacbad am measg nam flnr 's nan lus,
anns an do gbabb e mor tblachd agus as
an robh e ro uailleil.
Ach cha I'obh tigli Eoghain leis fhein.
Direach lamh ris bha tigh-comhnuidh
Iain Mhic-Aindrea, a bha ach beag
anns gach doigh 'n a leth-bhreac do thigh
Eoghain Mhic-Cailein. Bha Iain fein
anns ant-suidheachadh cheudna ri Eoghan
— bha esan cuideachd' n a fhigheadair
agus air beagan a chur mu seach mu
choiuneamh am feuma, agus bu leis fein
an tigh anns an robh e an drast a' comh-
iiuidh. Chi sinn, mar so, gu 'n robh
Eoghan agus Iain 'n an dluth-choimh-
earsnaich ; agus uime sin bha am
mnathan - posda 'n an dhith-choimh-
earsnaich cuideachd ; ach cha d' thuirt so
gu 'n robh iad idir cairdeil no ann an
deadh run d' a cheile. Bha an cridh-
eachan Ian gamhlais d' a cheile — gamhlas
a bha gu mor air a chumail suas le eud
agus farmad a bha a' lionadh an inntiu-
ueau, air eagal gu 'n leigeadh an darna te
leis an te eile barr a thoirt oirre ann an
coltas soibhreis ann an ni sam bith a
bhuineadh aon chuid d' an dreach fein,
no an tighean, no am fir-phosda fa leth.
IS' a 'm faigheadh aon diubh ball aodaich
ur, dh' f haodteadh a bhi cinnteach gu 'm
faigheadh an te eile a cheart leithid, no
ua m bu chomasach e, gu 'n tugadh i barr
oirre ; bha an spiorad farmadach so air a
nochdadh anns gach cuis a bhuineadh
daibh fein 's d' an tighean.
Cha mho bha moran cridhealais eadar
an da dhuiue ; oir, a thuilleadh air iad a
bhi a' cophaii'teachadh de mhi-run am
mnathaibh-ijosda, bha aobhar-uaimhdeis
uach bu bheag eadar iad fein. Tha e
coltach gn 'n do chlach Iain Mac-Aiudrea
aig aon iim tunnagan Eoghain jNlhio-
Cailein a lub a _bha (air an taobh-cuil,
agus leth an rathaid eadar an da thigh ;
a' tagar gu' n robh an lub an sin air son
a thunnagan-san a mhain ; agus ciod a
thachair ach gu 'n do leòn agus mhill e
drac briagh a bhuineadh do Eoghan. Mar
bu dual do Eoghan, bha e fo mhor chor-
ruich mu 'leithid de ghniomh neo-ghnè-
theil ; agus a Ijharr air sin cha gheilleadh
e air chor sam bith gu 'n robh tuilleadh
coir aig tunnagan Iain air an lub na bha
aig 'fheadhain fein. Choncsaich na
bodaich gu searbh, salach, agus is e bu
deireadh gu 'n deachaidh iad gu lagh ;
rud a chosd daibh mu leth-chiad punnd-
Sasunnach am fear ; agus is i a' bhreth a
chaidh a thoirt anns a' chuis gu 'n rachadh
lub nan tunnag a roinn eadar riutha, leth
mar leth.
Bha, uime sin, fuath uaigneach aig an
dithis dhaoine d' a cheile, ach cha robh
gamhlas nam ban daonnan an uaigneas ;
agus bha bean Mhic-Aindrea a' h-uile
buille cho smiorail ri Jsic-Cailein, agus 'n
a seise dhi air aon doigh 'g an gabhar iad.
Thachair do bhean Eoghain Mhic-
Cailein a bhi aon latha ag amharc a mach
air an uiuneig, agus faicidh i Iain Mac-
Aindrea a' sraidimeachd anns a' ghàradh
le currac-oidhche ur, stiallach, dearg air
a cheann. Cha luaithe chunnaic a suil
so na chuimhnich i air an t-seann churrac
lachdunn a bha aig Eoghan aice-se, agus
a bha, mar thuirt i rithe fein, " ua bu
choltaiche ri breid-urlair na ri rud sam
bith eile." Chuir i roimhpe gu 'm faigh-
eadh i fear ur dha gun tuilleadh dalach —
fear fada a b'fhearr na fear a coimh-
earsnaich. Gheobhadh an duine aice-se
currac a bhiodh uile dearg ; rud moran a
bu ghrimie 's a bu bhoidhiche na 'm fear
stiallach, mosacli aig Iain Mac-Aindrea.
Cha robh i ach goirid a' gabhail mu
chul a' ghnothaich ; thaiuig i gu seolta
m' an cuairt air Eoghan, mar gu' m b' ann
a' gabhail a chomhairle ach aig a' cheart
am a' ceiltinn an aobhair air son an robh
i cho deidheil air gu' m faigheadh e currac-
oidhche ur; oir bha i Ian chinnteach nach
tugadh Eoghan bochd gnuis sam bith dhi
'n a leithid de chomhfharpais fhaoin,
amaidich. Coma-co-dhinbh, thog i oirre
moch air madainn an ath latha, 's rainig
i am baile-mor a cheannach a' churraic.
Roghnaich i fear lasrach, dearg nach mor
nach d' thug sealladh nan .sul o Eoghan
coir an uair a thill i 's a sgaoil i mu
choinnimh e.
"A Sheonaid," ars' esan gn socharach,
agi;s e gu tur aiueolach air ciod a b' f hior
aobhar do 'n churam a bha a bhean a'
gabhail d'a chomhfhurtachd aig an am
so— "a Sheonaid, air m' fhacal tha an
currac boidheach da-rireadh," thuirt e 's
e 'sparradh a laimhe suas anns a' churrac
agus 'g a chumail a mach mu 'choinnimh,
's a' dearcadh air le mor thoil-inntinn.
"Mo riar, gu bheil e eireachdail, "
thuirt e rithist, ' ' agus theid mi an urras
gu 'm bi e seasgair. "
"Bidh e sin," fhreagair Seonaid, gu
buadhmhor. Agus cha mhor nach d'
thuii-t i mar an cendua, "Nach mor is
boidhiche e na fear Iain Mhic-Aindrea !"
Ach leigeadh so a mach tuilleadh 's a'
choir de na bha 'n a h-inntinn dhiomhair,
agus is ann a thuirt i, " Nis, Eoghain, a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence