Skip to main content

‹‹‹ prev (177)

(179) next ›››

(178)
fo ghealltanas nacli teicheadh e. Bha
e an dòchas gu 'm faigheadh e a shaor-
sainn ann am malairt airson phriosan-
ach eile, ach bha e air a mhealladh a
thaobh sin. Thug Heider tri cheud
mile buinn Innseanach do 'n cheannard
Frangach air sgàth gu' n tugadh e
dhasan na priosauaich aig Cuddalore,
agus chaidh innseadh d'a fhèin agus
do chàch gu 'm b' èigin doibh 'bhi air
an toirt seachad do'n fhreiceadan a
bha gu 'n toirt leo gu Seringapatam.
Cha luaithe 'fhuair Caiptean Uilson
an fhios ud, na rùnaich e oidheirp a
thoirt air dol as o bhraighdeanas bu
mhiosa 'n a bharailse na'm bàs, Air
dha aire thoirt, mar a choisich e air
ais 'us air adhart air braigh nam ball-
achan, gu'm faodadh neach e fLein a
leigeadh sios 's an amhainn, chuir e
roimhe sin a dheanamh, — aghaidh a
thoirt do na h-uile cunnart, agus a
ghualainn a chur ris na h-uile h-am-
luadh dh' fhaodadh tachairt ris. Air
d.ha snàmh thar tri de mheoir beaga
na h-aimhne, ràinig e am meur bu mhò.
Bha e sgìth, agus sheas e tiotadh ann
an amharus, ach bu bhàs an dàil. Le
solus na maidne ràinig e tir, agus bha
dòchas aige gu'n robh an cunnart
seachad 'n uair a thug e aire do
bhaidean de Shaighdearaibh Heider air
muin each, a rannsachadh mu oirthir
na mara, agus thug iadsan an aire
dhàsan. Eug iad air air ball, cheangail
iad a làmhan air a chùUhaobh, agns
dh' iomain iad romha e a dh' ionnsuidh
na h-armailtc, aireamh mhiltean as, fo
ghrèin loisgich, agus le a chroicionn
làn de bhuilg. Air dhoibh a cheasuach-
adh a thaobh mar a fhuair e as,
chuireadh a dh' ionnsuidh a phriosain
cheudna ris e, agus air an ath là thug
iad a mach e, ceangailte le slabhraidh
ri saighdear, chum coiseachd gu Scrin-
gapatam, astar cuig ceud mile. Air an
t-slighe, thugadh na priosanaich an
làthair Heider, agus chuireadh impidh
orra gabhail 'n a sheirbhis. Cha ruig
sinn a leis a ràdh gu'n do dhiùlt an
caiptean an tairgse le tàir.
Mu dheireadh rainig e crioch a
thuruis ; ach bu ro ghoirt na bh' aige
r' a fhulang an sin. Air a sparradh
ann am priosan gràineil, cheangladh le
slabhraidhibh e, agus is do-dheanta
innseadh na nithean truagha a chunnaic
e 'g am fulang rè an da mhios thar
fhichead a choimheadadh e 's an toU
dubh ud. Gun leabaidh ach an talamh
lom, no comhdach ach na luideagan a
dh' fhilleadh timchioll da, bha e cean-
gailte le slabhraidh ri priosanach truagh
eile ; agus is tric a dh' fhuasgladh an
corp marbh o a ghairdean 's a mhadaìnn,
chum truaghan beò a chuir 'n a àite.
Am measg sud uile dh' fhan a chridhe
cho cruaidh ris a " chloich-mhuilinn
iochdaraich." Cha robh Dia 'n a uile
smuaintibh. Cha robh uaithe ach a
bheatha a thearnadh, agus dòchas a
shaorsainn 'fhaotainn.
Mu dheireadh thug na blair a chois-
neadh leis an Ridir Eire Coote air
Heider Ali striochdadh, agus b' èigin
da na priosanaich a bha beò a leigeadh
as. Ach an toiseach bu mho an cunnart
'n t-saorsainn na o 'n truaighe a dh'
fhuiIÌDg iad. Cha robh casgadh air an
ocras, agus le cion toigh a thaobh sin,
ghabh an Caiptean fiabhrus cho trom
'us gu 'n robh an dòchas gann fad
cheithir la deug gu 'n tigeadh e as idir.
Thainig e as, ach bha a chridhe cho
cruaidh 's a bha e riamh. Fhuair a
shlàinte e cho di-chuimhneach air Dia
's a bha e roimhe.
An ceann ùine, thoisich e air gno-
thuch marsanta, agus mu dheireadh,
rùnaich e air pilltiun do Shasunn.
Thug an long 's an robh e dhathigh
Mr Thomas, soisgeulaiche diadhaidh, a
thubhairt aon uair gu 'm bitheadh na 's
mò a dhòchas aig na daoine borba
'iompachadh gu Criosd na Caiptean
Uilson. Ghabh e tigh ann an Hamp-
shire agus dh' earb e cùram a thcagh-
laich ri nighinn bràthar, boirionnach
diadhaidh. Cha do chuir e 'n a h-
aghaidhse ann a doigh fèin a leantuinn
fhad 's a nach cuireadh i dragh air-san.
B' àbhaist da bhi 'n a iongantas leis
nach robh tlachd air bith aice ann an
toilinntinn an t-saoghail. A thaobh a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence