Skip to main content

‹‹‹ prev (134)

(136) next ›››

(135)
air. Tairg dha tioJhlac Dhè, agus
ged nach d' fhairich e riamh 'fheum
air a leithid, gidheadh gheibhear e
mar gu 'n gabhadh e gu toileach e,
mar ni a b' urrainn a theàrnadh, an
uair nach 'eil ni uaithe ach gu 'm
faigheadh e cliù.
A leughadair, ua gabh truas ri
amaideas nan daoine ud, mur 'eil thu
f hein gun chòir aun, oir mu ghabhas,
bithidh d' amaideas na 's mò na 'n
cuid-se. Amhairc a nis air na tha
cho beag ann an siìilibh nan daoine
ud 's nach gabh iad mar thiodhlac e.
Is e 'ainm a hheatha mhaireannach.
Cha-u e beatha an so bith a mhàin.
Anns an t-seadh ud tha au tiodhlac
B.\g daoinibh, maithe 'us olc, mar tha,
oir bithidh bith a ghnàth aca. Theid
na h-uile dhaoine sios do 'n uaigh ;
ach cha-n e siu am bàs. Eiridh na
h-uile dhaoine rìs, ach cha-n e sin a'
bheatha. Is e am bàs staid truaighe
iomlain ; agus cha-n e a' bheatha bith
a mhàin, ach bith le sonas coimhlionta,
Agus ma dh' f hanas an sonas ud am
feasd is e siu a' bheatha mhaireannach.
Is e so an ni airson am bheil aireamh
mhòr a chinne-dhaoine a saothrachadh
'us ag osnaich. G-ach duine a cladh-
achadh an tobair f halaimh aige fhèin,
no an t-soithich bhriste nach cum
uisge. Tha an aon ghlaodh ann,
"Ciod a ni mi ?" Is e am freagradh o
neamh, "Troimh ghràs tha sibh air 'ur
teàrnadh, trid creidimh ; agus sin cha-n
ann uaithe fèin, is e tiodhlac Dhè e."
Is e th' anns an tiodhlac so gu
h-àraidh maitheanas, gràdh, nuadh-
ùmhlachd, sìth, flaitheauas.
Is e maitheanas au ceud ni a tha o
'n pheacach, agus a dh' easbhuidh air
cha-n urrainn e a' bheatha mhairean-
nach a mhealltuinn. Cha leig pea-
caidhean duine dha am feasd dol as o
pheanas. Is earraiun dheth f hèin iad ;
theid iad far an tèid e, agus fanaidh
iad far am fau e. Ni iad dorchadas
dha am measg an t-soluis, agus uUuich-
idh iad leabaidh-di»ighne dha air
feadh na h-oidhche. Is cnuimhean
iad *n a thaobh a stigh nach bàsaich,
agus teine nach miìchar. Ciod e a'
bheatha no an sonas is urrainn bhi an
sud ? Tha am peacadh gun teagamh
milis do chuid. Tha e taitneach 's a
bheul, ach cha-a aithne dhoibh
fhathasd cho searbh 's a tha e 's a
bhroinn. Air dhuinn maitheanas
fhaotaiun, tha sinn marbh do 'n phea-
cadli, agus tha e dhuinn mar chorp
marbh, o au iarr sinn saorsa cho luath's
a dh' f haodas sinn. Tha sinn saor o a
thruaiUidheachdagusaghreimlechèile,
agus air dha bhi marbh cha-n 'eil
uachdranachd aige oirnn. Tha beatha
nuadh againn.
An Gràdh. Mar a tha 's a mhaith-
eanas, is e tiodhlac Dhè a tha an so.
Bheir e cridhe nuadh mar a bheir e
coguis shiothchail. Gheibheadh sinn
bàs air ball 'n am fàsadh an cridhe
corporra 'u a chloich. Is e siu ar cor
spioradail. Kugadh sinn le cridhe
cloiche, gun ghràdh agus gun bheatha
mar chlach. Ach an uair a bheir
Dia maitheanas, bheir e mar an ceuilna
cridhe nuadh fo bhuaidh a ghràidh
mhoir sin leis an do ghràdhaich esan
sinn air tiàs. Air chor 'us gu 'm bheil
cudthrom a pheacaidh a luidhe &tigh
oirnn air tighinn gu bhi air atharrach-
adh gu cumhachd mi^r gràidh a sruth-
adh a mach uainn a dh' iounsuidh
Dhè agus ar coimbearsnaich. Is e an
gràdh so a dhuais fhèin. Faodaidh e
fulaug agus fulang fada, ach cha-n
fhuiling a shonas. Mar Dhia fèin do
'n ainm an gràdh, is e an ni ceudna e
a ghnàth, 's na h-uile àite, na h-uile
linn, agus 's na h-uile h-inbhe agus
suidheachadh. Agus air dha bhi 'n a
aon e fhèin, ni e aoa de na h-uile
cosmhuil ris fhèiu. Is sonas agus
beatha a bhi 'g ar faireachadh fèin air
ar tarruing le a chordaibh. Tha beatha
aig an leanabh a dh' fhairich e na 's
f haide na th' aig an t-seanair nach d'
fhairich riamh e. Ni so an t-òti-ach
na "s fearr na 'n bàchairt, agus an deoir
na 's sona na 'n rìgh, agus bàs na 's
soilleire na a ghrian agus ciio saor o
ghath ri aingeal, agus an uaigh cho
taitneach ri geata neimh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence