Skip to main content

‹‹‹ prev (91)

(93) next ›››

(92)
de uamh id, agusd e dh' fhear-tàir ort
agus a bh' annamsa." Air uair eile
thubhairfc e " Cia priseil 's a tha na h
uile focal a labhair mo mhàthair
dhiadhaidh, ged a bha mi uair 's an
d' rinn mi fanoid oirre 'n am chridhe.
Oh, gu cinnteach cha do sguir i de
dheanamh ùrnuidh airson a mic bhochd
dhalla aig caithir-gràis, agus cha do
dhiùlfc an Slànuidhear tròcaireach
èisdeachd dhith ! Oh, iongantas na
trocair ! Is maith tha e leat, mo
bhràthar shona; dh' iarr thu an Tigh-
earn gu moch, agus fhuaireadh leate;
gnn airidheachd tha mi 'tighinn mar
an gaduich air a chrann, agus mar
aithinne a spionadh as an teine."
Air an treas la roimh a bhà^, tu'
fheasgair, bha e uair a thim 'n a luidhe
sàmhach, le neul a bhroin aig amaibh
air a ghnùis, agus neul an aoibhneis
aig amaibh eile ; an sin dh' f hosgail e
a shuileau, agus dh' aithris e na
btiathran, " Ilinn thu sud air» mo
shonsa!" Beagan an deigh sin dh'
aithris e dhomhsa litir a sgriobhainn
do 'n choimhthionail a gabhail a chead
diubh, liLir a bha làn de chreidimh
agus eud dhiadhaidh, làn gràidh do
losa Criosd, agus làn aithreachais air-
son an naimhdeas a bh' aige uaireigin
dha, agus an teagasg millteach a thug
6 seachad ; agus a codhììnadh le earail
agus ilrnuidh làn blàthais agus durachd
spioradail.
Chuir e an la mu dheireadh seachad
ann an cochomunu sàmhach ris an t-
Slanuidhear mhòr. Dh' aithris e a
mhàin tri uairean na focail a bha cho
ionmhuinn aige, " Rinn thu snd air mo
shonsa !" Mu mheadhon-oidhche, rug
6 air laimh orm, agus air laimh an t-
seana mhinisdeir a bha 's an t-seèmar,
agus dhinn e r' a uchd iad, agus
phògadh e iad ; an sin le guth anmhunn
tbubhairt e *' Hallehùah do 'n Uan a
chaidh a mharbhadh air mo shonsa !"
Mar a chunnaic sinn a shuilean a
failneachadh, sheinn sinn le chèile na
focail,
" losa, an uair a gheibli mi bàg,
Gabh m' anam iotmhor thugad fèin."
Agus an uair a sguir sinn chunnaic
sinn gun do choidil e gu cuine ann an
losa.
Is ann mar sud a dh' fhalbh mac
pharantan diadhaidh, a chaith a thog-
ail ann an oilean agus earail an Tigh-
earna, ach an uair a bha e 'n a
sgoileir a dh' àicheadh an oreidimh
[ agus a thrèig an tobair bheò ; neacli
! aig an robh a chaitheamh-beatha neo-
lochdach, agus a thugadh aig deireadh
a latha, trid gràis Dhè, gu a thruaigh,
a dhoiUe, a lomnochduidh 'fhaicinn,
agus na h-uile gliocas agus deadh-bheus
a mheas mar aolach 'an coimeas ri
oirdheirceas eòlais Chriosd. Agus
esan a rinn uaireigin tàir mhòr air
Criosd thainig e gu gabliail ris le 'uile
chridhe mar Shlànuidhear pheacach.
A leughadair, cha-n 'eil ni ann
bheir sìth 'us neart aig uair a bhàis
ach creidimh beò ann an losa Crio.-^d.
'N a cuir dòchas mata annad fhèin
no ann an reusonachadh feolmhoir,
" esan a dh' earbas as a chridhe f hèin
is amadan e." Teich airson dion a dh'
ionnsuidh an t-Slànuidhir a nis j na
dean droch f heum d' a f hadf hulangiis ;
le dail a chur ann ; ach, " an diugh
ma dh' eisdeas sibh r' a ghuth, na
cruadhaichibh 'ur cridhe," Eabh. iii.
15.
Tha e aif iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi cabhar anns na leabhranan
60 a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b' air bith cho beag 's a
dh' fhaodas e a bhi, do 'n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o
àm gu àm.
Depositary, John Hume, 5 South Ilanover Street, Edinburgh.
EBINBUEGH : PEINTED BT JOHN GEEIG AND SON, 0I>D PHTSIC OAEDENS.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence