Skip to main content

‹‹‹ prev (57)

(59) next ›››

(58)
eamli an Spioraid, " geur agus curah-
achdach."
" A dhuine " ars' esa la, " tha thu
'g am f hàgail truagh. Cha-n eil thu
a labhairt ri daoiuibh eile mar sin,
am bheil?"
Bha sùil Dhè 'g a leantuinn 'n a
shlighe sheachranaich air fad, agus bha
am comharraichte a phiUidh nis air
teachd. Is e an Tighearn fèin a rinn
e uile. Bu thaitneach an sgeul a
chhiinntinn o 'bheul fèin agus na deòir
a sileadh o a dha shùil ; agus cha-n
ionnan bhi 'g a leughadh au so gun
an fhaireachaidh agus gun na deòir
air na gruaidhean dubha, Ach feuch-
aidh mi r' a thoirt seacbad mar a dh'
fhaodas mi, 'n a dhoigh fèin.
" Co bha 'labhairt riut, Philip 1 "
thubhairt mi ris la ann a cheardaich
bhig far an d' fhnair mi e le beul
fosgailte agus cridhe farsuinn a moladh
an t-Slanuidhir.
" Cha robh neach air bith a labhairt
riumsa an tràthsa; ach innsidh mi
dhnibh uile e. Air maduinn Demairt
an deigh mo bhiadh-maduinne, ghabh
mi am Biobull, agus leugh mi earrainn
bheag de shoisgeul Eoin 's an treas
caibdeal. Aoh mar a leugh mi thainig
stnuaiu uamhasach a stigh do 'm
inntinn ; bha a ghath annam mar
shnathad seillein, agus thug e orni
nach b' urrainn rai tuiileadh a
leughadh."
" Ciod e an smuain a bh' ann,
PhiHp?"
" Is ann a thoìsich e mar so. Chunn-
aic mi gu 'm bu duine maith
Nicodemus, maith thairis ormsa, ach
cha b' urrainu esan 'bhi air a thearnadh
gun aithbhreith ; aj;ii3 thubhairt mo
clioguis rium ; 'Ciod a thig de thruagh-
an mar athathusa?' Bha fios agam
gu 'n d' fheuch mi ri bhi maith ; agus
ged nach d' rainig mi fhathasd air,
shaoil leam gu 'n ruiginn uaireigin
air ; ach a bhi air mo bhreth a rìs, cha
d' fheuch mi ri sin riamh. Cha do
srauainich mi idir air, agus cha do
thuig mi ciamar bha e gu bhi ; agus
gidheadh mar bitheadh e ann cha-n
fhaodainn rioghachd Dhè 'fhaicinn.
Bha mi fo amhhiadh, agus cha chuimhne
leam co dhiubh leig mi tuiteam do 'n
leabhar no an ann a thilg mi uam e ;
ach dhealaich mi ris, agus chaidh mi
mach dh'f heuchainn am faighinn saorsa
o 'n eagal a thug e orm. Ach cba b'
urrainn mi. ' Ud ' ars' mise, ' is ni faoin
a th' ann.' Ach thubhairt ni 'n am
chridhe, 'cha-n e, 's e an fhirinn a th'
ann.' Chaidh mi stigh do 'n cheardaich,
agus dh' fheuch mi r' a chur as mo
chuimhne, ach cha rachadh leam; is ann
a dh' f hàs mi na 's miosa, cha robh mi
riamh 'an Inithid a chor roimhe. Ma
fhuair neach riamh blas air ifrionn,
f huair mise e air Demairt 'us mi 'n am
sheasamh le'm ord 'am laimh fa chomhair
nah-inneinan sin, agusmi 'n am fhollus
mòr le uamhas. Bha ifrionn a fosgladh
a beoil dhomh, agus mise dìreach 'dol
stigh ann, agus cha robh na rinn mi a
chionn thribliadhna'usda f hichead ach
a carnadh peacaidh air mo cheann.
'Och!' ars' mise, 'bu mhaith mu 'r d'
rugadh riamh mi ! ' B' eagallach mo
chor ! Cha b'urrainn mi a ghiììlan ;
agns 's ann cliròm mi sios air mo
ghliìnaibh 's an oisinn am measg a
ghuail, (bha greis o nach robh mi air
mo ghlùnaibh roimhe) agus dh' èigh mi
airson trocair.
"Is e mo bharail cuideachd gu' n d'
fhuair mi e. An uair a bha mi a
cromadh an sud, gun f hios ciod e bha
mi ag ràdh, thainig solus iongantach
a stigh do 'm inntinn. Chunnaic mi
nithean na 's soilleire no chunnaic rai
riamh iad. Dh' aithnich mi riamh gu
'n robh mi olc gu leòr, agus b' e mo
rùn gu'm bithinn na's f hearr uaireigin ;
agus ge 'd nach d' rainig mi fhathasd
air, fhuair mi coire dhorah fèin airson
nach robh mi dùrachdach gu leòr, agus
shaoil leam an ath uair a dh' f heuchainn
ris gu 'n d' thugainn oidheirp a dheanadh
an gnothuch. Ach cha-n f haca mi gu's
an robh mi air mo ghlimaibh, gu 'n
robh e seachad air sud mar tha ; seadh,
ged a b' urrainn mi mi fhein a dheau-
amh na 's fearr nach bithinn ceum na
's fhais'fe air an ni, oir bha mi cailUe

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence