Skip to main content

‹‹‹ prev (24)

(26) next ›››

(25)
FEAR-.TATHAICH MIOSAIL
MIOS MATET ISGl.
AN SAIGHDEAR OG ;
270, 'deanamh gbeim air na geallaidhibh.
v-'y^
AiR dhomh dliol steach mailuinn la
fogharaidh 's a bhliadhna 1 85 7 do aon de
na hospitalean 's na Innsibh, chunnaic
mi giuUan òg, mu cheithir bliadhna
deug a dh' aois, 'n a luidhe air fear de
na charpoys ann am pian mòr a rèir
coslais. Dh' flmrraid mi mar a bha
e, 'us thubhairt e rium gur ann do na
gunnairibh a bhuineadh e, 'us air dha
bhi air a mhàrsail o Chalcutta chuir-
eadh e le each dh' ionnsuidh an uisge
mar bu chleachdadh dha. Chion am
beathach mifhoistinneach, agus thilg
e e. An lorg sin bhriseadh cos an
oganaich agus fhuair e iomadh gorta-
chadh eile.
"C 'ainm th' ort" ars' mise. —
" Uilleam" —
" Am bheil eolas air bith agad air
an Tighearn losa V'
" Co air f ' — " Air losa mac Dhè."
" Cha d' f huair mi mèran sgoile ;
'us mar sin cha-n 'eil mòran eolais auam
" An dean thu leughadh f
'ur cead."
Ni, le
Dh' fharraid mi an suidhinn air a
leabaidh, agus an innsinn dha mu losa.
" Ma 's e 'ur toil e. Ach feumaidh sibh
a dheanamh gle shoilleir.
" Ciod e 'tha uait, , Uilleim ? " —
' Labhraidh cruaidh. soilleir, innsidh
dhomh mar a thcàrnar mi.
*' Feuchaidh mi ris ; ach deanamaid
ùrnuidh an toiseach gum bi losa maille
ruinn, agus gun teagasg e mi mar a
their mi, agus gun teagasg e do chridhe
thighinn d' a ionnsuidh."
'N uair rinn mi an iìrnuidh, dh' innis
mi dha, cho maith 's a b' urrainn mi,
sgeulachruthachaidh, agus tuiteam an
duine ; agus tnu bhreith, beatha, agus
bàs mhic Dhe chum dhaoine a theàrn-
adh. Thug e an deadh aire, agus dh'
iarr e orm innseadh mar a bhitheadh
esan de 'n " treud bheag" a ruigeadh
air beatha.
"Innsidh mi dhuit sgeul as a Ehiobul
Uilleim, a mhìnicheas sin dhuit, "agus
dh' fhosgail mi am Biobul aig Marc
X. 46.
" Oh, le 'ur cead, is usa a thuig&inn

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence