Skip to main content

‹‹‹ prev (772)

(774) next ›››

(773)
1842.] Beatha Sir Uilleam Wallace. 103
'sa leanabli air a glilun, a's e gabhail duanaig dha — " Gradli mo
chridhe, mo chiuisgean Ian, Ian ; gradh mo chridhe, rao chruisgean
Ian!"
Cha luigear leinne tuille a radb. Cba robh fadal imrich gu brath
tuille air Dennis Costello. Bba e sona saotbrachail, a' soirbbeachadh
anns gacb ni. Dh'eiricb Tim og a suas gu bhi na gbiile tapaidb.
Fhuair iad tuille fearainn. Cbinnicb gacb ni mar a b'aill leo, Cha
robb caraid 'san aite co riaraicbte sbunndach riu ; agus is minig a
chualar Denriis ag radb, " Tba America aig an dorus, nan deanadh
daoine feum dbeth. Am fear tba ciiradb 'sa' bhaile bbos, bithidh e
caradh sa' bhaile ud thall ; is fearr an t-olc eolach na'n t-olc aineolach."
C. N. G.
BEATHA AGUS EUCHDAN AN RIDIRE
UILLEAM WALLACE.
Earrann n.
Dh'fbag sinn Wallace agus a cheatbarnaich a' tarruing an analach
air an laraicb fbuilicb, an deigb an ruaig a chur air a' champ Sbasun-
nacb d'an r'logbachd fein. Ma dheireadb, bu bhuidhe leo sith a
dbeanamb ri Albainn ; agus chaidh an t-sith so 'cheangal ann an eaglaia
Baile-'n-Rua'-ghlinn (^Ruihergleri), air ceud mbios an earraich, sa*
bhliadhna 1297.
Bi'n t-sith sin platbadh na greine 'san la fhoghair — fathleus neoil
shiubblaicb air uchd aonaicb. Cha bu blieo leis na Sasunnaich mar
ciosnaicheadh iad Albainn, agus mar faigheadh iad greim air Wallace,
a mharbh cho iomadb dhiiibb. 'Sann mar sin a bha ; an ceann leth-
bhliadhn' an deigb do'n t-sith a bhi ceaiigailte, thainig ordugh rioghail
a Sasunn, mod mhor a cliumail ann am baile Inbherair. Thainig
iomadh de uaislean na coimbearsnachd chum na coinneamb so ; 's ma
thainig, b'fhearr dhoibh fuireach aig an tigh, Chaidh moran dhiubh,
le claon-bbreth, a dhearbhadh nan slaoiteirean, agus a chrochadb.
B'ann diijbb so Sir Raonal Crawford, sionam a' bhaile, agus bratbair-
matbar Wallace ; Sir Bryce Blair ; Sir Nial Montgomery ; agus
Baron Kyle, Baron Cunningham, Baron Carrick, Baron Clydes-
dale, agus mar sin. Coma co dbiiibli, fhuair iasg no dha troimh 'n
lion, a dh'innis do Wallace mar thacbair. Ghlac e 'cblaidheamb, air
ceann leth-cheud biuidh ; rainig e mu mheadhon-oidhche baile In-
bherair ; agus chuir e ri theine, fear ma seach, gach tigh anns an robh
na Sasunnaich nan cadal. 'Nuair chual an gearastan mar bha, mach
thug iad gun umbail, gun arm, a cbasg an teine le bucaidean Ian uisge.
Chaidh an uisge 's am fuil a mheasgadb ; — mharbh Wallace agus a
bhuidbeann a h-uile mac mathar dbiubb ! Cha bu leoir so. Mach
gabhar a nis, agus mearsar gu Glaschu. Glacar Morair Percy e fein,
agus a champa; agus thugar air an t-iasg a pbaigbeadh diibailt a thug
a sheisear saighdearan uaitbe aig uisge Irbhin.
Thoilich moran a nis druideadh suas ri meirghe an laoich, an aobhar
an diicha, 's an aghaidh Shasuinn. B'aun diubh so Raibeart Bruce,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence