Skip to main content

‹‹‹ prev (770)

(772) next ›››

(771)
1842.] Dennis CosteUo. 101
Oidhche tie na li-oiuhcliean, cLuir e roimhe gach ni 'innse d'a
mhnaoith — a chridhe f hosgladb dhi, 'a gach cuis a cliuir m'a coinneamh.
Dh'fbeucb e so a dheanamli uair a's uair, ach chaidh e na aghaidh —
thainig reachd 'na mhuineal. Ma dheireadh thoisich e : —
<' Anna, a gliruidh, a chuisle mo chridhe ! tha mi sgith de'n uite
so ; cha'n eil farsuinneachd ann."
" Cha'n eil, a run," ars' ise ; " ach l^ing dhasan o'm bheil e agaiiin^
gu'n robb f hathast pailteas, 'us seasgarachd, 'us sith, 'us slainte againn
ann ; aa ciod tuille bu choir do dhaoine iarraidh ? — ni's leoir dhuina
fein, agus beagan r'a abeacbnadh."
" Tha sin fior," ars' esan ; "ach nach fhaic thusa, a cbuisle, gu
bheil niise an so a nis o na rugadh mi — far an robb m'athair 's mo
sheanair a' saothrachadh le falus ar gruaidh — 's cha'n eil sinn fatbast
leth CO beartach ri Nick Delany, 'chaidh thairis gun bhonn 'na ph5ca
do dh'America o chionn letb-dusan bliadbna."
" Ach, a chuisle 'sa gbraidh, mo Dhennis donn fein," ars' ise, "na
creid thusa na chluinneas tu. Ma tha oir a's airgiod ann am pailteas
CO mor thall anu an America, ciia mhor 'tha d'a cboslas orrasan tha
tighinn air an ais."
•' Nach coma c6 tha tighinn air an ais ?" deir Dennis. *' Nach 'eil
mal a nis ag eiridh co ard — na tighearnan a' las co bocbd, saiintach,
seach mar bba iad ? Cha'n eil e 'nar comas am mal a didoladb, no sgil-
liun a chuir mu seach airson ar teaghlaich."
" A cbeile mo ghaoil,'' ars' Anna, a's i tiormachadh a siiil, " nach.
'eil beartas gu leoir againn ?" Tharruing i dluth air ; shuidh i air
suidbeachan comblaicb r'a tbaobh ; ghlac i a lamb ; db'amharc i gu
caomh gaolach 'na aodann. " Tha sinn 6g, laidir," deir i ; " agus
nach fhaic thu Jtw 6g, ra'eudail geal," a's i 'cur a laimh air ceaun a
inic — " nach fhaic thu Tim ; cha'n f hada gus an cuidich e linn, mo
lurachan caomh I"
** Deich mile beannacbd air a cheann," area Dennis, " agus deich
mile beannacbd o Dhia ort, mo ghradh geal 6g ! Nach ann air an
eon fein tha mise togairt thairis, chum am barrachd a sbolar air aa
son ?"
Bba moran aig Anna ri radh, ach cha robb e 'na comas. Chunnaic
i gu'n robh buaireas air a companacb. Dh'fhag i e car tamuill, a's
chaidh i steach do sheomar beag leatha fein, far na ghuil i gu fad agus
gu goirt. Bba ioraad seanacbas eatorra na dheigh so ; ach chunnaic
Anna nach robh math dhi 'bhi labbairt. Thainig an t-am seolaidh —
thainig long mhor nan tri chrann, 's bha'n duthaich uile fo ghluasad.
Bba iadsan a bba ri falbh a' cur gach ui air bord ; bha uidbeamachadb
mor 'ga dheanamli leis gach aon. Tbog Dennis CosteUo na bh'aig do
dh'airgiod ullamh ; reic e na b'urrainn da; a's chuir e roimhe Anna
's na paisdean fhagail, a's curam an aite earbsa riu fhad 'sa bhiodh e
air falbh, Cha chluinnte diog a mach a beul na mnatha ciiiin. Bha
i a' cuir gach goireas suas ann an ciste airson a fir — a' trusadb a chuid
anairt a's aodaicb, 's na deuir a' tuiteam gu silteach thairis orra, Bba
Dennis bochd a nis trom-cbridbeacb da iireadii ; ach bba e seasmbacb,
'a cha robh sta bhi 'cur na aghaidh. Thainig moran de 'chairdean a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence