Skip to main content

‹‹‹ prev (745)

(747) next ›››

(746)
76 Diane Bochd an Aghaidh a Mhic Fein. [May,
Peirie; " nioran taing — tlia m\ fad 'nar comain ; ach ceadaichibh
dhomli dol air mo ghliinaibh car tiota beag.'' Rinn e sin ; agus an
<leigh do'n t-seann duine a clieann a lijbadh, agus comharadli na croise
a dheanamh air clar 'aodainn, (ih'amhairc e suas, agus thuirt e le guth
slan laidir, a chuala gach aon — " O thusa, mo Bhreitlieamh a ta air
neamh ! 'san riutsa tlia m' urnuigh — gu'n gleidheadh tliu mi seas-
mhach air slighe mo dliloasnais air an am, an lathair mo bhreitlieamh
saoghalta. Amen." Air dha so a radh, shuidh e, agus dh'eiricli am
fear-tagraidh chum a chea^nachadh.
" A Pheirie Connal, an aithiie dhuits' am priosanach sin 'na shuidhe
air do chulthaobh ? Amhairc air. 'Ne Micheil Connal is ainm
dha ?"
'* Mata," arsa Peirie, " o'n uair 'san oidhche anns an d'rugadh e,
gus an oidhche sin aims tia rinneadh an gniomh sin airson a' bheil
mise an so, h'aithne dliomh Micheil gu maith — h-uile smuain bha *na
chridhe ; h'aithne dhomh gach riin 's gach gniomh ; cha do cheil mo
Mhicheil fein ni riamh o 'athair, gu ruig oidhche na dunach. Ro'n
oidhche sin, cha robh duine beo a b'urrainn a radh ri m' Mhicheil
fein gu'm b'olc. Thog mi e ann an eaga! Dhe, 's bha eagal Dhe air
'anam. Ach is cinnteach mi gu'n cual ar n-onair fein, 's gach neach
sa' chiiirt, mar thachair. Eisdibh rium, uaislean urramaichte ; tha
mise, seann Pheirie Coimal, an so an diugh chum fianuis a thogail an
aghaidh mo dheagh mhic, agus cuideachadh leis an lagh a chrochadh
— mo mhac, m'aon mhac, mo Mhicheil dieasnach fein ! Ach airson
sin uile, 's cor dhuibh a tlioirt fa'near ciod a thug air Micheil so a
dheanamh. 'Sann air mo shonsa, a^us airson na muirichinn bheag, a
bha glaodhaich leis an acras, a rinn e 'n gniomh. Bha'm fiabhras an
tigh Mhicheil. Thug am fiabhras air falbh a bhean agus a phaisd.
Bha e fein 'na luidhe iomad seachduinn, 's bu bhochd a ghuileachd.
Chaidh e air toir cosnaidh air maduinn an latha sin, gun a thrasg a
bhristeadh, gun ghreim itheadh ; oir cha robh greim aim. 'Sann mar
80 a bha — gun uiread is aon chnap buntata fein 'san tigh ; agus 'sann
an sin, fo bhuaireas, fo chaothach, ag eisdeachd glaodhaich a phaisdean,
a rinn e 'n gniomh. Ach ghabh e aithreachas. Gheall e dliomh 'sa
mhaduinn nach beanadh e do'n mheirle — gu'n aidicheadh e'n gnothach
uile dhasan o'n do ghoid e i ; agus fada mu'n d'thainig na maoir, bha
e 'na aodach, gu falbh a dh'iarraidh na deirc am measg a luchd-eolais.
Sin agaibh fuiim Dhe.''
" 'S eiginn dhomli fheoiaich dliiot fathast," ars' am fear-tagraidh,
*' am fac thu Micheil 'san t-sabhal air an oidhche sin ?"
" Am faca mi e ?" deir an seann duine. " Mata, chunnaic ; le m'
ahiiiiean fein chunnaic mi e.''
« Ciod," ars' am fear eile " 'bha e deanamh ?''
" Bha e — Dia a dheaniimh trocair airsan agus ormsa — bha e fion-
nadli na caorach le 'laimh fein," Mar labhair e so, chrom e 'cheann ;
thuit na deoir ; a's, gar an cualas e, thainig reachd a' bhroin 'na
mhuineal.
" 'Nis, a dhulne choir," ars' am fear-tagraidh, " ged is duilich learn
a dheanamh, cha'n eil comas air. Gabh s/at bhreac na cuut, agus

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence