Skip to main content

‹‹‹ prev (679)

(681) next ›››

(680)
12 Saohh-Chrabhadh nan Gaidheal. [Marcli,
reit air deur dlie ! Gu cinnteach clia dea<;liaidh mi a pheanas-
aciiadh na seilclieig bhochd ; ach 'nuair a dhThas an t-sid fionnar.
bha"ra bainne again co niilis bhiasda 'sa b'urrainn a bliitii.
'Sann an leigheas spreidh is mo tha de na h upagan is gisreagau
so air an cleacliduinn, ach tha iad air uairibh fathast 'gan gnatli-
adiadh airson leigheas dhaoine mar an ceudna. Bha ann am
nabuidheachd, o chionn corr beag agus bliadiina, duine a bba ami
an staid ro bhocbd — a reir coslais, dluth do'n bhais. Bha a shrun
a levm, mar a their iad — 'se sin, silleadh fola — gus an robh aobhar
eagail gu'n diobreadh e buileach. Thug mi seachad gach seoladli
a b'f hearr a b'aithne diiomh ; ach thuirt a bhean aige rium gu'n
d'fhuair i seoladh blio dhuin' eolach a bha fios aice a chuireadh
cosg air an t-silleadh gun diiil, agus 'se sin, Ian soithre de uisge
f haotainn a sruth a biia ruith ris an airde deas, agus an duine tinn
a thumadh a dhd Indaig ann, agus a nigiieadh ioclidar a chuirp
leis.
Dh'ainmich mi dhuibh mar so beagan nithean air am bheil Ian-
chinnte agam, agus air am li'urrainn mi dearbhadh gu leoir a thoirt
seachad, nam b'tiieumail e ; agus tha fios agam gu'ui bheil na
ficheadan barail agus cleachduiim eile, a cheart co faoin agus co
saobh-chreidinheach, lionmhor am measg an t-sluaigh — gu'm bheil
eolais agus gisrtagari air an gnathachadh gach hi, agus gu'm bheil
na miltean 'san Eileiu a tha kin chreidsinn 'nan eifeachd. Tha na
niiltean mar an ceudna a tha creidsinn 'san dara sealladh ; agus is
urrainn dhomh au ainmeachadh dliuibh a tha creidsinn, agus a
cantuinn gu'm bheil a' bhuaidh iongantach agus chraiteach so aca
fein.
Tha na nithean so Ian fhior mu thimchioll an Eilean Sgiathan-
ach; ach ged is e so an cearn mu'n do thuit domh Jabhairt, cha'n
ell mi idir ag radhuinn gu'm bheil tuille de'n t-saobh-chreidimh so
ann no tha'n iomad cearn' eile de'n GhiLidhealtachd. Tha buids-
eachd agus geasan 'gan cleachduinn feadli an Eilein Fhada gach
latha. Tha JMuile ainnieil air a shon so bho cliionn fliada. Tha
e feadh nan Eileaiian uile, agus clia'n eil an tir-mor fein saor uaith.
Tha'm pailteas dhe dol air aghaidh an Cinntaile, feadh na Mur-
thir, Arasaig, agus Mhuideart, agus an Eanaghaidheal cuideachd.
Is cuimhue learn fein, bho chionn beagan bhliadhnachan, tuathnaich
inbheach chothromach, ann an siorraniachd Earraghaidheal, a bhi
gach bliadhn' a toirt duais mult maith reamhar do sheann chaillich
aig an robh ainm a bhi na buidsicli, a chum 's nach deanadh i cron
orra fein no air an spreidh ; agus cha'n eil teagamh agam, nam
biodh i bet) fathast, nach leanadh iad air a' chleachduinn cheudna;
a's cha robh mi riamh an cearna de'n Gliaidhealtachd nach cuala
mi 6 mar bharail choitchionn gu'n robh cumhaclid aig droch shiiil
coire a dheanamK do dhaoine, 's gu sonruichte do chrodh. 'Se'n
fhirinn gu'm bheil ro mhoran saobh-clireidimh de'n t-seorsa so air
feadh na Gaidhealtachd 's na Galldachd — feadh Albuinn gu leir,
agus Shasunn cuideachd — feadh gach dTitliaich air uachdar an
t-saoghail ; agus mairidh a' chilis mar so gus am faigh daoine

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence