Skip to main content

‹‹‹ prev (341)

(343) next ›››

(342)
44 Nathair Mhor Na H-Asia. [AprU,
Boilleir an aite bhi do-mhiotailt, chitheamaid gu bheil s?e fior.
Theirear, ciod a tlia cumail na taisealdachd an ciochadh san atliar,
agU9 c'arson nach eil i a' tulteam mar uisge? tha cliionn nach eil e 'na
bhoinneachan ach na bliolgain Ian gaoitbe mar aodramain bheaga.
Fad agus a tha 'ghaoth seideadh gu seasmhach blio aon chearna,
mar bho'n airde an ear, tha an speur a' fuireach glan gun neul, ach
CO luath agus a tha a' ghaoth a' tilleadh bho'n iar, tlia athar fuar agus
blath a' tachairt air a cheile agus tha neoil a nis a' cruin-
neachadh ; tachraidh so ma tha 'ghaoth a tha dluth do'n talamh a*
B^ideadh bho aon airde agus a' ghaoth a tha gu h-ard bho airde eile. 'Si
barail dhaoine ionnsuichte, gu bheil gnothuch aig an ni sin is reusaa
do'n dealanach agus do'n tairneanach (ri'n canar ea Bheurla Electri'
city agus ri'm feudar a chantuinii sa' Ghailig Grad-Theine-Omair)
ri sileadh an uisge, oir tha sinn a' faicinn an dealanaich agus a cluinn-
tinn an tairneanaich ri am an uisge mhoir ; aig Lima ann an America
mu dheas far nach cualas tairneanach, cha 'n fhaicear fras uisge, ach
chithear ceo. Aims na h-Innsean tha 'ghaoth muiteach re trath an
uisge, agus seasmhach ris an aimsir thioram. Nach priseil gu bheil aig
uisge buaidb air eiridh 'na cheo, agus sin a ghnath bho aghaidh gach
tir muir agus loch, do'n athar far am bheil e a' snamh car tamuill, as
am bheil e a ris a' sileadh mar f bras no 'luidhe mar dhriichd a chum
cinneas agus beatha a thoirt do gach luibh agus beo-chreutair.
Smuainicheamaid a nis, ciamar a bhitheadh an saoghal nan sguir-
eadh a' bhuaidh so. Cha tuiteadh fras, cha luidheadh druchd, thior-
inaicheadh gach abhainn a's tobar ; chruinnicheadh uisgeachan an
domhain uile sa' chuan, agus dh' fhasadh an talamh cruaidh-loisgte.
Slieargadh gach lus agus craobh air dhi uisge, bhasaicheadh gach
ainmhidh agus beo-chreutair air dhl beidh, dh' eireadh anns gach
cearna gort agus plaigh a sgriosadh an cinne-daonna gu h-iomlan, agus
bhitheadh an talamh 'na f hasach tioram cruaidh loisgte gun uiread agus
lusan a' cinntinn no beo-cheutair ag ionaltradh air 'aghaidh.
Rob. Ruadh.
NATHAIR MHOR NA H-ASIA.
A Chuairteir Uiseil,
'S math mo chuiinhne 'nuair bha nii'ui bhalacli beag nach robh
ann ni bu nihu bheireadh de thoilinntinn domh na naigheachdan a
chluinntinn mu dhuchaibh coin. 'S lionmhor latha 'shnidh mi le
DomhuU-saighdear air sga cnoic, air chi!il gaoitbe 's air aodana
preine ag cisdeachd ri eachdraidh Blar-na-h-Eiphit ; ris gach crua-
dal agus cunnart troimh'n d' thainig e fcin — mn na duchanna
troimh'n do shiubhail e — mar chuir e'n t-sr6n bharr bean lot le
earr a ghunna — mu'n gharradh-chail a bha'n crannaig na Ininge^
'san leithide sin ; agus bho na chunnaic mi fein uaithe sin beagan
do'n t-saoghal, cuiream chugaibh sgeula mu ni a thachair ann an
Eilean Ceylon, no mar their na nastin' ris, Cingala, ann an Asia.
Cha'n eil air iiachdar an t-saoghail aite eile anns a' bheil nath-
raichean cho mor ri nathraichean an Eilein so — tha cuid dlu do

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence