Skip to main content

‹‹‹ prev (237)

(239) next ›››

(238)
226 COMHCHRUINNEACHA DO
Fhuair mi greis am' arach
Air airidhean a b' aithne dhomh,
Ri cluiche, 's mire 's màran,
An caoimhneas blàth nan caileagan;
Bu chùis an aghaidli naduir
Gu'm maireadh sin an drast ann,
'Se b' eigin bhi da'm fàgail
'Nuair thainig trath dhuinn dealachadh.
'Nis o'n bhuail an aois mi,
Fhuair mi gaoid a mhaireas domh,
Rinn milleadh air mo dheudach,
'S mo lèirsinn air a dalladh orm;
Cha'n urrainn mi bhi treubhach,
Ged' a chuirinn feum air,
'S ged' bhiodh an ruaig am' dhèigh-sa,
Cha dean mi ceum ro chabhagach.
Ged' tha mo cheann air liathadh,
'S mo chiabhagan air tanachadh,
'S tric a leag mi mial-chù
Ei fear fiadhaich ceannartaich ;
Ged' bu toigh leam riamh iad,
'S ged' f haicinn air an t-sliabh iad,
Cha teid mi 'nis ga'n iarraidh
O'n chaill mi trian na h-analach.
Ei càm dol anns a bhùireadh,
Bu dùrachdach a leanainn iad,
"S bhiodh uair aig shiagh na dùthcha,
'Toirt orain ùra 's rannachd dhaibh ;
Greis eile mar ri càirdean,
'Nuair bha sinn anns na Campan,
Bu chridheil anns an càm sinn;
'S cha bhiodh can dnam oirnn aunascach.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence