Skip to main content

‹‹‹ prev (146)

(148) next ›››

(147)
DIl'ORAlX THAGHTA GHAIDHEALACII. 135
Tlia'n rimhinn suairc na nòsaibh,
Sàr sheoltadh an ceol nan teud ;
Tha h-inntinn làn de mhorachd,
Gun mhor-ua'r, 's de ghradh, gun eud.
Chaidh h-eolas tliar mo smuaintean,
'S a sceimh fad o chaint mo bheil
Gun aireamh air a buaidhean
Mo thruaich! sinn bhi scart' o cheil'.
CUMHA CHOIEE-CHEATHAICH,
Le DoiJNACHADH Ban.
Airfonn — "Flowers of Edinburgli."
S DUILLICH leam an càradh
Th' air coire gorm an f hàsaich,
An robh mi greis da'm' àrach
'S a bhràidhe so thall ;
S iomadh fear a bharr orm,
A thaitneadh e r'a nàdur,
Xa 'm biodh e mar a bha e,
'Nuair dh' f hàg mi e nall ;
Gunnaireachd a's làmhaich
Spuirt a's aobhar ghaire,
Chleachd bhi aig na h-armuinn
A b'àbhaist bhi sa' ghleann ;
Rinn na fir ud fhàgail —
'S Mac-Eoghainn t'aun a 'dràsta,
Mar chloich an ionnad cabaig
An aite na bh' ann.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence