Skip to main content

‹‹‹ prev (143)

(145) next ›››

(144)
132 COMHCHRUINNEACHA DO
MIANN AN FHIOR GHAIL 'NUAIE A BHA E'N
, , ^ TIR AINEOIL. . .
' Air fom — " Tha mo chadal luaimneach." ■
'S TRUAGH gu'n bhi san aite,
San d'araicheadli m'oig' an tùs,
'G amharc maise Naduir,
Taobh aimhne nam badan dlù;
Do'n tug i, mar chaomh-mhàthair,
Gach sgeimh, 's math a d'fheudtc luaidh,
'S am bheil mo ghaol, 's mo chàirde,
A's m'Ard-mhath, Deo ghrein nam buadh.
Air chluainibh glas nan seimh-shruth,
Measg threud agus, uan gun fheall,
A's ghabh'raibh breac ag leimnich
Feadh eidheanaich, sna creagaibh ard ;
San ait' am biodh na h-eiltean
Sa' bheinn a' dlu bhreith nan laogh,
Sam falachadh bean a chaoil-bhuic
Sna caoiltean a meannan maoth.
Bithidh lolair hiath nan speur ann,
Ag geur ruag' a choileich dhuibh,
'S 'n'air threigeas luthas a scè e,
'S ro eibhinn leis dosan tiugh;
Bithidh tarmach breac am beinn ann,
A's binn-f headag, 's coileach ruadh,
'S eala bhàn a' seinn ann,
Air linn, 's lach air lochan fuar.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence