Skip to main content

‹‹‹ prev (109)

(111) next ›››

(110)
COMHCHRUINNEACHA DO
Am faca sibh nan' cuala sibh,
Am buachaille chrai' mo chri,
Buachaille nan cuachag,
Cha b' fhuadhach leam an la nan oidhch,
Ma se miad do shuaircis,
Thug uainn thu nach pill thu rist,
Mo bheannachd gach uair dhuit,
'S thoir buaidh mach 's gach aite m bi.
On thainig mi n tir so,
Air m inntinn gun laidh trom sprochd,
A cuimhneacheadh na dh' f hag mi,
Cha tamh domh m baile na 'm port,
Oig f hear a chuil shniomhain,
Beul siobhalt nach labhair lochd,
Ge d' bhithinn fo mhighean,
Gun insinn dhuit e le m thoil.
'S coma leam'n seann duine,
Luidheas gu teann air 'n stoc,
Fad na h-oidhche geamhraidh,
Cha tiundaidh 's gum bi na thost,
Luidhidh e gu diblidh,
Sios na shionadh air 'n t sop,
Gun tarruing e 'n t-sranraich,
'S gu teandaidh e cul a noig.
Carson nach labhrainn caoin riut,
A ghaoil cha cheilinn sud ort,
Seann-duin cha taobh mi,
Gad dh' f haodadh cha n eirich moch,
Gad robh aige caorachd,
San saoghal bhi ga thoil,
Nuair labhradh e pramhail,
Bu chraiteach mo chroidhe 'm chorp.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence