Skip to main content

‹‹‹ prev (43)

(45) next ›››

(44)
32 COMHCHRUINNEACHA DO
ORAN TOIET COMHAIRL
DO GHILLEAN OGA NA TUATHA, TOBHSAIXN RI 'N COIMPIREAN
FEIN, AGUS DIOMOLADH NA 'M BAN UAISLE.
(Le AlLEIN BUIDHE.)
Fonn.—'Se latha Raon Ruairidh, <feo.
Bheirinn comhairl air gach fleasgach,
Tha 'n airde teas agus tuath dhiom,
lad thoirt lamh air an seise,
'S gun bhi streap ri mnaoi uasail,
'n tha sinn chomhnuidh 's na gleanna',
'S gach earrach tigh'n cruaidh oirnn,
Ge math grèus chuir air anard,
B' f hearr dhuinn banarach buaile na te dhiu sin.
Gur h-ioma gille tha hiidhe,
Gun bhean tighe gun triallachd,
Gun trom inntinn ach aidhear,
H-uile latha 'sa bhliadhna,
Aig ro mheud am amhairc,
'Mac 'sa 'n t-athair cho chiatach,
'N te gheibhear cha ghabhar,
'Sa 'n te nach fhaighear 's i dh' iarrar mur eil e glic.
Gur h-ioma gille ro ihalamh,
Is aithne dhomh 'm eolas,
Thagh diasanach caileig,
'N teas a fala 'sa feola;
'S ma tha e gun airgiod am bannaibh,
Gun chrodh baHach gun storas,
'S lamh chuir an toiseach na h-aimirt,
Dhol ga cheaugal ri leoideig le ruibein breac.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence