Skip to main content

‹‹‹ prev (22)

(24) next ›››

(23)
15
1 Am Muile nan craobh tha 'mhaigdeann bhanail,
D' an d'thug mi mo ghaol 's mi faoin a'm bharail ;
'S ma chaidh e fo sgaoil 's nach faod mi faighinn,
Gu'n taobh mi caileagan Chomhail. Bho 'n tha mi, &c.
2 Tha maise 'vis uaisle, suairceas 'us ceanal
A' direadh a suas an gruaidh mo leannain ;
Ma bheir thu dhomh fuath, 's nach buan do ghealladh
Ni uaigh 'us anart mo chomhdach. Bho 'n tha mi, ttc.
3 Tha maise no dha ri aireamh fhathast
Air bean a' chuil bhain nam blath-shul meallach ;
Ma bheir thu do lamh, gu'm fas mi fallain,
'S bu shlainte mhaireann do phog dhomh. Bho 'n tha mi, &c.
4 Do shlios mar an fhaoileann, taobh na mara,
Do ghruaidh mar an caorann, sgaoilt' air mheangan ;
Siiil ghorm a's glan aoidh, fo chaoin-rosg tana —
'S tu 'n 6igh a mhealladh gach oigear. Bho 'n tha mi, &c
5 Do chid mar an lion 'na mhile camag,
Nach greannach fo chir, 'us siod 'ga cheangal ;
Do dheud mar na disnean, dionach, daingeann ;
Beul binn a ghabhail nan oran. Bho 'n tha mi, &c.
6 'S e 'sgar mi o m' chiall ro-mhiad do cheanail,
'S o'n chaidh thu do 'n t-sliabh, nach b' fhiach leat m' fharraid
'S e t' aogas 'us d' fhiamh 'chuir pian a'm charaibh,
'S cha mhiann a bh' again air storas. Bho 'n tha mi, &c,
Gun Chrodh gun Aighean
(The toeherless lass.)
f
Chorus. Moderato. f |
A-wz
U* i i
-\-
■,-J*--4-
M—m-
Harmonrsea by
John Munro.
:*=*:
.*-*-
1^1=
Ged tha mi gun chrodb, j gun aighean,
r — w
Gun chrodh-laoigh, gun chaoraich agam
-J. . J? A i ri
+-rr~=E=
-j — i
1 Fhir a dh' imicheas thar chuantan,
Giiilain mile beannachd uamsa
Dh' ionnsaidh oigeir a' chiiil dualaich,
Ged nach d'fhuair mi e dhomh fhin.
Ged tha mi gun chrodh, etc.
3 Ged nach 'eil mo spreidh air lointean
Mo chrodh no mo chaoraich bhoidheach,
Bheirinn tochar dhuit an ordugh,
Cho math ri te bg 'san tir.
Ged tha mi gun chrodh, etc.
2 'Fhleasgaich thainig nail a Shuaineart,
Bu tu fhein an sar dhuin'-uasal ;
Gheibhinn cadal leat gun chluasaig
Air cho fuar 's g'am biodh an oidhch'.
Ged tha mi gun chrodh, etc.
5 Naile ! 's mis' tha dubhach, deurach,
'N sedmar ard a' fuaigheal leine ;
Chaidh mo leannan do Jamaica,
'S ciod am feum dhomh 'bhi 'ga chaoidh
Ged tha mi gun chrodh, etc.
4 Ged tha mi gun chrodh gun chaoraich,
Cha 'n 'eil mi gun mhaise 'm aodann ;
Dh'fhighinn breacan a bhiodh caol dhuit,
'S dheanainn aodach a bhiodh grinn.
Ged tha mi gun chrodh, etc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence