Skip to main content

‹‹‹ prev (479)

(481) next ›››

(480)
460 ORAIN
'S tric a bha mi 's tu mireadh,
Agus càch ga n-ar sireadh,
Gus 'm bu deònach leinn tilleadh,
Gus Innis nan laogh.
Sinn air fàireadh na tulaich,
'S mo làmh thar do mhuineil,
Sinn ag èisdeachd nan luinneag,
Bhiodh am mullach nan craobh.
Tha mise ga 'ràitinn,
'S cha 'n urrainn mi 'àicheadh,
Gur iomadach sàruch'
'Thig air àiridh nach saoil.
Gur mis' tha 's a' champar,
'S mi fo chìs anns an àm so,
Ann am prìosan na Frainge,
Fo ainneart gach aon.
Ann an seòmraichean glaiste,
Gun cheòl, a's gun mhacnas,
Gun òrdugh à Sasunn,
Mo thoirt dhachaidh gu saor.
Cha b' ionnan sud 's m' àbhaist,
A' siubhal nam fàsach,
'S a' dìreadh nan àrd-bheann,
Gabhail fàth air na laoigb.
A' siubhall nan stùc-bheann,
Le mo ghunna nach diùltadh;
'S le mo fhlasgaichean fùdair;
Air mo ghlùn anns an fhraoch.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence