Skip to main content

‹‹‹ prev (459)

(461) next ›››

(460)
ORAIN
Tha ceilg mar lòn agus nimh ri òl daibh,
A's e an cònaidh gu searbh 'n am beul.
Luchd dhealbh droch sgeòil buinidh iad de dhòruinn,
'S an dream gu sònruicht' bhios 'deanamh bhreug;
Ma chi sibh neach bhios a' cur ri chèile,
Mar phioghaid threubhaich 's i 'deanamh nid
Bidh aon a' cuartachadh stigh le h-èiginn,
A's aon a' rèiteachadh cuairt an nid ; —
Ma thig gaoth luaineach thar bhàrr nan cuaintean,
A chuireas luasgan air meòir a' phris;
Grad f halbhaidh uapa an nead 's a chuaii-teag,
A's faic an truaighe cia mòr a' nis.
Mar sin, mo bhanndag, na gabh-sa anntlachd,
Ged their do chàirdean gu'm bheil mi bochd ;
A's tuig Righ Daibhidh, 's an staid am b' àird e,
Bha chrìdh' gun àilgheas mar neach gun toic.
Cha d' fhuair an rìgh sin ach beag toilinntinn
'S a' chathair rìoghail, le mòran sprochd;
'S ma leugh thu m Bioball tha pairt de 'g ìnnseadh
Gu'n d' rinn e ìlseach mar dhuine bochd.
Bha mise a' m' òige car tamuill gòrach ;
Nis tha mi deònach air cinntinn glic ;
Tha àm gu bròn agus àm gu sblas:
'S e 'n dara seòl air 'n do chaochail mis.
Nis glacam seòlta mo ribheid cheòlar,
O'n tha mo shòlas a rìs air teachd;
A's thèid mi chòmhnuidh gu tulaich bhoidhich
'S bidh mi mar smeòraich a' seinn gu beachd.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence