Skip to main content

‹‹‹ prev (455)

(457) next ›››

(456)
436 ORAIN
'S cùbliraidh 's gur fallain a fàileadh,
Ag èirigh thar bhlàthaibh 's thar ghèabha,
Measai-radh a Samhradh 's' a Geamhradh,
Gun ainiochd stoirme no grèine.
'S aobhainn a cnoca 's a cruacha;
'S àiridheach, buailteach a glinne.
Bòthach, laoghach, meannach, uanach,
Gruthach, bainneach, uachdrach, ìmeach.
Gheibhteadh prostain àluinn, uasal,
A' ruagadh a' bhruic uasail, cheannaird,
Le coin ghrad-charach, ro-lùthor,
'G a 'chur gu' dhìibhlan air a charabh.
Bidh an coileach 's an tom gu sàmhach,
A's gadhair nan àmhuilt g'a 'chealgadh;
A's gus an glacar anns an lìon e,
Cha smuain e innleachd an t-sealgair.
A glinn a's binne dùrdan-shrutha,
'Sèinn romh shrathaibh fàsach, fèurach,
Luibheach, craobhach, meadhgbch, duilleach,
Caoirich, cnodhach, subhach, smèurach.
'S eala carach, binn-ghobach, òrdail,
A sheinneas an smeòrach 's an fheasgar,
An uiseag os a cionn gu h-uallach,
An lòn 's a' chuach ag cur beus leò:
Cha'n 'eil fear-ciùil 's 'a choille chùbhraidh
Nach seinn le dùi'achd a chò-sheii'm.
Gu fileant, ealant, dìonach, siùbhlach,
A' roinn na h-ùine gu h-eòhxch,
An caomh comh-sheinn pongail, òrdail,
Freagaii't a mòram 's a minim,
Gu h-eignidh, geibnidh, teibnidh, ceolmhar,
Orgain a's glòrmhoii-e 's a' chruinne;
Gu feart-tarnach, ceart-tarnach, ceutach,
Gun bhuige, no gèire, no dith-cuim; '
A' stad 's ag aideachadh gu h-eòlach.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence