Skip to main content

‹‹‹ prev (448)

(450) next ›››

(449)
GIIAIDUEA LA CU. 429
'N deadh Bliuacliaiir e fèin,
Biodli rompa 's 'n an dèigh,
Ga 'n dion o gacli beud:—
Sin m' ùrnuigL
AM MARAICHE 'S A LEAXXAN.
Le Mairi Nic-Kaxair.
FoNX. — Màiri bhàn Dhail-an-eas.
O, 's mairg tha'n diugli feadh garbhlaich,
'S ri falbhan a measg fraoich;
A's gaithcan grèiu' gu h-òr-bhuidh'
A' dòrtadh air gach taobh;
Gu'm b'fhèarr a bhi air bàrr nan tonn
Air long nan ci'anna caol ;
'S a' faicinn nan seòl ùra
Ri sùgradli anns a' ghaoith
O, 'fhleasgaich òig, gur gòrach leam
Do chòmhradh anns an uair,
An fhraoch-bheinn ghorm 'g a sàmhlachadh
Ri gleanntan glas a' chuain ;
'S gur tric is aobhar caoinidh leam
A h-aon dh'an d'thug mi luaidh,
'BLi as mo shealladh fad aù' falbh
Air bharraibh garbh nan stuadh.
A ribhinn òg dh'an d'thug mi gaol,
B'e 'bhi ri d'thaobh mo mhiann,
Bho'n chiad là riabh thug mi dhut spèis,
Bu tu mo rèul 's mo ghrian.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence