Skip to main content

‹‹‹ prev (425)

(427) next ›››

(426)
406 0RAI2Ì
Shuidh mi slos air an toman bu neo-thog'racli mo ghleus,
Dol a dheanadh dhuit òran a ghlinn bhòidheich na sprèidh,
'S do bheanntanain àrda is àille fò'n ghrèin,
G'am fhalach bho m' chàirdean a's m' fhàrdach nam dhèigh.
'S mithich dhomh-sa bhi 'g èiridh bhon tha'n t-astar cho mòr
Tha na luingeas aig acair ach tha 'm acaid-sa mòr;
Tha gach ni a cuir às dhomh, chaill mo chasan an treòir,
'S mo chridhe cho brìiite 's mo shùilean làn dheòir.
Aon sealladh dhomh fhathast air na srathaibh gu lèir
Aon sealladh dhomh fhathast air a bhaidein tha 'm dhèigh
Mìle beannachd le Lachann, ainm m' athar na trèig,
Lean thusa a dhòighean air chòir anns gach ceum.
Tha m' inntinn fo hiasgan bhi gluasad iian scùl,
An acaù- ri guallainn 's an trom chuan fo sròin;
Tha mise mar chrentair 'san t-eug air mo thòir,
B' fheàrr nach dh' fhàg mi mo chèile, b'e 'n eubhachd bhi d' chòir.
Air bhàrr nan tonn dù-ghorm rinn sin stiiiireadh gu fòil,
Bha 'n oidhche air dùnadh 's gun do bhrùchd oirnn an ceò;
Ach ar sgiobair bha tùrail, cha tug sùil far nan seòl,
Fo stiìiireadh na combaist, 's an trombaid na dhòrn.
A-ig bristeadh na maidne bha 'n cladach ga 'r còir,
Gu'n do thilg sinn an acair ach bha m' acaid-sa mòr,
Na'm shìneadh air dèile cha robh lèigh ann air bòrd,
A bheù-eadh dhomh cobhair ged a gheibheadh e òr.
Trì fichead mìle dhomh fathast tha 'n t-astar sin buan,
Ma'n ruig mi thu Anna 's bithidh mi fallain gu luath;
Ma lean thu i-i d' àbhaist bu mhòr do gi-àdh dhomh 's gach uair
Bho 'n a bha mi na 'm phàisde gus an dh'fhàs mi a suas.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence