Skip to main content

‹‹‹ prev (420)

(422) next ›››

(421)
GHAIDIIEALA CII.
Thug e 'n t-slat cliuii" à Neio-Zealand,
'S an iris à Beinn-nan-cnàmli,
'S an t-slat bheòil 4 rìoghachd na h-Eiphit,
'S à Eirinn slatan a' mhàis.
Cha 'n ioghnadh an cliabh a bhi riomhach,
'S ioma' tìr san d' rinn e fàs;
Bha na slatan bòidheach, dìreach,
Air an sgrìobadh gus am bàrr :
Theannaich Calum e cho dìonach,
'S nach rachadh prìn' ann 'an sàs,
'S ghiùlaineadh e 'làn do 'n fhìor-uisg'
Eadar Cillìonan 's am Bàrr.
Cha 'n fhaca aon riamh a leithid,
Eadar an Eilid 's Beinn-bhàin;
E sleamhain mar bhòrd o'n lochdair,
Shuidheadh o socair air blàr;
Cha robh e cubach, no sgeubach,
'S an aon leud gu ruig' a mhàs;
'S ged a chuirte bolla buntàt' ann,
Cha bhitheadh ach pàirt de làn.
'S ioma' aon a bha g'a amharc,
Eadar Sannaig 's an Aird-mhòr —
Fear de na thàinig g'a amharc,
Thairg e gamhainn air a's bò;
Ach ged a thairgeadh Miss Burdett,
A h-uile peighinn th' aic a dh-òr,
'N" uair a thigeadh i a shireadh,
Cha 'n fhaigheadh i 'n ii-is na dòm.
Tha mis' a' d' chomain a Chahim,
'H-uile latha 'bhios mi beò;
'S ma thig do ghnothach a'm' rathad,
Ni mi amas mar is còir —

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence