Skip to main content

‹‹‹ prev (408)

(410) next ›››

(409)
GIIAIDUEALACE.
Gu bhi ri iomradli ann am dhàn
Air cliù nan sàr-laoch cròdha
Nach d'fhàihiich riamh air muir no tìr,
A dhion na Rìogh'chd 's na còrach.
A shliochd nan sonn, bho thìr nam beann,
Nan raon, nan gleann 's nan rèidhlein;
A chlann nan Gàidheal, s e 'ur stàilinn
Dheanadh àr a's reubadh;
Tha eachdruidh làn d'ur 'n euchdan àrd,
Do chruas 'ur làmh 's d'ur trèine,
Ri uchd gach nàmhuid ì)e 'ur n-àbhaist
Buaidh no bàs, mu'n gèilleadh.
'Nuair thug an Russach ionnsuidh fhuilteach
Air an Tuirc le fòirneart
Gu toirt fo chìs; 'sa luaisg e sìth
Gach rioghachd 'san Roinn-Eòrpa :
'N sin dh'èirich Breatumi a's an Fhraing
Le'n cumhachd toinnte còmhla,
Am banntaibh dlùth le Omar Pasha : —
'S iad mar lànain phòsda.
Mu'n gann a fhuair iad dol gu tìr.
Air ìsleach Bhaileclabha,
Bha feachd nan Russaineach fo'n gleuy,
Aii' àird' an t' slèibh aig Alma,
Mar choilich dhùnain a' toirt dùlain
Do na diùnnlaich àluinn,
Nach faigheadh dlùth dhoibh taobh an sùil,
Ach ann an sùil na làmhaich.
Ach beò no marbh, cha'n fheudta stad
Ach suas gu grad nan còmhdhail ;
Cha robh dol às bho'n teine chiùrrail
Ach tigh'n dlùth ri 'n sgòrnain ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence