Skip to main content

‹‹‹ prev (402)

(404) next ›››

(403)
GHAIDHEALACH.
Bha mi deas a's bha mi tuath,
Bha mi 'n Cluaidh uaii' do dha;
Dheth na chunna mi fo'n ghrèin,
Thug mi spèis do 'n fhear bhàn.
Thug mi gao], etc.
Cha tèid mise 'thigh a' chiùil,
Thuit mo shùgradh gu làr,
Bho'n a chualas thusa rùin
'Bhi 's a' ghrùnnd far nach tràigh.
Thug mi gaol, etc.
ORAN DO LACHLANN OG MAC lONMHUINK
Leis ax Aigeaxxuich Nighean Dhonuill Ghuirm.
Gu'u tug mi 'n ionnsuidh bhearraideach,
Mur do mheal thu m' aithne mi,
Cha b' e d' fhuath thug thairis mi
Ach d' aithris air bhith falbh :
Cha b' e d' fhuath, etc.
Ma cliaidh thu nunn thar linntichean,
O gu ma slàn a chi mi thu
Fhir chùil duahiich shniomhainich,
'S ann leat bu mliiann bhi mòr;
Fhù- chùil, etc.
Bu mhiann leat bàta dionach 's i
Gu cumtadh, fuaighte, finealta
A rachadh suas 's nach dibreadh i
'S a chiosnaicheadh muir mhòr.
A rachadh, etc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence