Skip to main content

‹‹‹ prev (386)

(388) next ›››

(387)
GHAIDHEALACH. 367
'S ann an Grùlainn fo 'n Sgùir
Tha mo rùn 'gabhail tàimli ;
Maiglidean ùr a tha ciùin,
'S i mo rùn-sa thar chàich.
Thug mi rùn, etc.
Gu'n do bhmadair mi'n raoir
A bhi 'd chaoimhneas a ghràidh,
'S 'n iiair a dhìiisg mi à m' shuain
B'fhada bhuam thu air sàil'.
Thug mi rùn, etc.
Tha do shlios mar chanach lòin
No mar eala òig air tràigh ;
Gruaidh a's deirge na'n ròs,
Beul a's bòi'che 'ni gàir'.
Thug mi rùn, etc.
Pearsa dhìreach gun chearb,
Aghaidh mheanbh-dhearg a ghràidh;
Mar ghath grèine 's an fhairg'
Tha do dhealbh a measg chàich.
Thug mi rùn, etc.
Dosan llobharra rèidh
'S e gu h-èibhinn a' fàs;
Tha e sìos ort na 'chlèit
'S air gach tè bheir thu bàrr.
Thug mi rùn, etc.
'N uah- a rachainn-sa gu fèiU
Bu leat fhèin seud no dhà ;
'S bhiodh tu cinnteach à gùn
As na bùithean a b'fhèarr.
Thuor mi rùn, etc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence