Skip to main content

‹‹‹ prev (239)

(241) next ›››

(240)
220 ORAIN
Ach tha 'm fàrdaicheaiT, sguabte,
'S an seomraichean naine —
lad fein a's an gaisgeadh
'N an cadal fo 'n fhòid;
'S tha osag nam fuar-bheann,
Le 'h-osnaidhean gruamach,
Ga 'n caoidh mu na cruachan,
'S a' luaidh air an glòir.
O, c' àit 'eU gach sòlas
'Bha agam am òige —
'Toirt meal' as na ròsan
Mu d' chòsagan tlàth?
Tha companaich m' eòlais
Air am fuadach o 'n còmhnuidh,
Tha mhil aii- a deothal
'S tha 'n rùsan gun bhlàth.
Ach 's caomh leam do ghleanntan,
Do shrathan 's do bheanntan,
'S an ceò tha na chadal
Air baideal nan àrd',
Na ciabhagan torach,
Na srònagan corrach,
'S na sruthain ri coireal
Do 'n eilid 's d' a h-àl!
Gu ma buan a bhios d' eachdraidh,
Agus cliu aig do mhacaibh,
Gus an crìonar an talamh,
'S am paisgear na neoil !
Fhad 's 'bhios sioban na mara
A' bualadh air caraig,
Bidh mo dhurachd gun deireas
Do dh-Eilean a' Cheo !

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence