Skip to main content

‹‹‹ prev (237)

(239) next ›››

(238)
218 ORAIN
Na Scots Greys air tigh'nn à Eiriun,
Sàbhailte gun bheud, gun mhilleadh.
Chluinn mi, &c.
An Captain Caimbeul le 'chomannda,
De na bh' ann 's e b' annsa leinne.
Chluinn mi, &c.
O na'n greasadh Righ na grèin' thu
Gu d' thir fèin gu 'm b' èibhinn leinn' e !
Chluinn mi, &c,
Gu tigh mòr nan tuireid àrda,
'S e 'dol fàs gun àird' air inneal.
Chluinn mi, &c.
Aii tigh a thog dhuit Flath na fèille;
'S ioma sùil 'bha deurach uime.
Chluinn mi, &c.
Sliochd lain bhig 'ic-Iain-'ic-Dhòmhuill,
G' an robh còirichean Bhràigh-Ghlinne.
Chluinn mi, &c.
FAILTE DO 'N EILEAN SGIATHANACH.
Le Niall Mac-Leoid.
O, failt air do stùcan,
Do choireachan ùdlaidh,
Do bheanntainnean sùghor
Far an siubhladh am meann !
Tha 'n geamhradh le 'dhùbhlachd
Mu na meallaibh a' dùnadh,
'S gach doire le 'bhùii-ean,
Air a rusgadh gu bonn.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence