Skip to main content

‹‹‹ prev (200)

(202) next ›››

(201)
GIIÀ IDHEALA CII.
Cha'n fhaod mi fèin a ràidhtinn,
Gu'n d' fhag thu mi le d' dhebin ;
Ach bhiodh do chàirdean dìombach,
Mur aontaicheadh tu leo.
IS TOIGH LEAM A' GHAIDHEALTACHD.
Le Iain Caimbeul, anns an Leideig.
AiR Fonn: — "Cogadh no sìth."
Is toigh leam a' Ghàidhealtachd, 's toigh leam gach gleann,
Gach eas agus coire an dùthaich nam beann;
Is toigh leam na gillean 'n an èideadh glan, ùr,
A's boineid Ghlinn-garaidh mu 'n camagan dlùth.
Is toigh leam 'n an deis' iad, o 'm mullach gu 'm bonn,
Am breacan, an t-osan, an sporan, 's an hinn;
'S b?jidheach iad sgeadaicht' an èideadh an tìr —
Ach 's suarach an deise, seach seasmhachd an crìdh'.
Sheas iad an dùthaich 's gach cùis agus càs,
Duais-bhrathaidh cha ghabhadh ged racht' an cur bàs;
'S ged shàraicht' an spiorad 's ged leagteadh an ceann,
Bha 'n cridhe cho daingean ri carraig nam beann.
Is toigh leò na h-igheanagan 's b' ainneamh an t-àm
Nach bithinn 'n an cuideachd 'n uair gheibhteadh 'bhi ann :
'Sna'm faighinn-se tè dhiubh à dùthaich mo chrìdh',
Gu 'n siùbhhxinn-se leatha gu iomal gach tìr.
'S toigh leam a Ghàidhlig, a bàrdachd 's a ceòl,
'S tric 'thog i a nìos sinn 'n uair bhiodhmaid f o leòn ;
'S i dh' ionnsaich sinn tràth ann an hiithean ar n-òig,
'S nach fàg sinn gu bràth gus an laidh sinn fo 'n f hòd.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence