Skip to main content

‹‹‹ prev (184)

(186) next ›››

(185)
GHAIDHEALACH.
Cha d' fhuair, etc.
Thall 's a bhos mu Loch-fìne,
Ma 's a fior mo luchcl-bratha ;
Thall 's a bhos, etc.
Ann an Clachan-an-Diseart,
'G òl fion' aii- na maithibh.
Ann an Clachan, etc.
Bha Griogair mòr, ruaclh ann —
Làmh chruaidh air chùl claidhimh.
Bha Griogair, etc.
Agus Griogair, mòr, meadhrach —
Ceann-feadhn' ar luchd-tighe,
Agus Griogair, etc.
Mhic an fhir à Srath-Arduil,
Bhiodh na bàird ort a' tathaich,
Mhic an fhii, etc.
'Bheireadh greis aii' a' chlài-saich
'S air an tàileasg gu h-aighear,
'Bheireadh greis. etc.
'S a sheinneadh an fhidheal,
'Chuireadh fiughaii' fo mhnathan.
'S a sheinneadh, etc.
'S ann a rinn sibh 'n t-sithionn anmoch
Anns a' ghleann am bi 'n ceathach.
'S ann rinn sibh, etc.
Dh' fhàg sibh an t-Eòin bòidheach
Air a' mhòintich 'n a laidhe ;
Dh' fhàg sibh, etc.
'N a stairsnich air fèithe,
'N dèigh a reubadli le claidheamh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence