Skip to main content

‹‹‹ prev (160)

(162) next ›››

(161)
GIIAIDHEALACII.
'S mi tlia sunndach air a li-ùrlar,
Air bàrr sùigli ag èirigh ;
Mo ghràdh an iùbhrach hlidir, dhùbailt'.
'S na fir lùthmhor, chleusda !
OR AN.
AlR FoNN : — "0 nighean donn nan gahhar."
Leis an Lighiche Mac-Lachainn nach maireanx.
Ged a tha mi 'n nochd 's a' chòisridh
Maille ri fleasgaichean bòsdail,
'S nìonagan cho rìomhach, spòrsail,
Le sìoda 's le srol a' danns —
Nìonagan cho riòmhach, stràiceil,
'S beag a chuir mi dh' ùigh 'n an àbhachd;
'S mòr gu'm b' annsa leam 'bhi 'mànran
Riut, a ghràidh, air sgàth an tùim.
'S mòr gu'm b' annsa leam bhi 'sugradh
Leis an nlonaig chaoin-ghil, chùil-duibh,
Anns an doire 'n goii- an smùdan —
Bun an stùic air ùrlar glinn.
Chi mi pailteas deoch 'g a taomadh —
Fion a's branndai 's brìgh a' chaochain,
B' annsa leamsa uisg' an aonaich
Blio d' L^imh chaoimh aig taobh an uillt.
'S ann a bhòdhras iad le 'n ceòl mi —
Pìob, a's fidhlèireachd, a's bòilich ;
'S mòr bu bhinne leam do'chòmhradh,
'S d' òrana 'bu mhòdhar fuinn.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence