Skip to main content

‹‹‹ prev (97)

(99) next ›››

(98)
78
'S miann le breac a bhi 'n sruth cas,
'S miann le boc bhi 'n doire dhlùth,
'S miann le eilid bhi 'm beinn àrd,
'S miann le sealgair falbh le 'chù.
Bheir mi, &c.
Cha mhiann bodaicli mo mhiann fein—
Cha mhiann leis èirigh ach niall;
Cha lùb gruagach 'n a sgèith ;
Tairngidh e leis fèin an t-srann.
Bheir mi, àc.
Nithean sin do 'n d' tliug mi spèis ,
'S bu mhiannach leam iad bhi'm chòir
Mo ghunna glaic air deagh ghleus,
Direadh ri beinn, a's bean òg.
Bheir mi, &c.
'S nithean sin da 'n tug mi fuath,
Do bhean luath 's do chù bhiodh niall,
'S do shean daoine nach biodh glic;
'S do bhean bhig nacli altrum ciann.
Bheir, &c.
Bu mliiann leam ri latha fuar,
Dìreadh suas ri aonach ca«,
'N uair a thilginn mac au fhèidh,
Coin air èill, 's ga'n leigeil as.
Bheir mi, ifec.
Leam bu mhiaiui bhi 'siubhal bheann,
O.san teann a bhi uiu m' chos ;
Brogan iall a's gunna cruaidli,
Eilid ruadh a's cù m'a dos.
Bheir mi, &c.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence