Skip to main content

‹‹‹ prev (94)

(96) next ›››

(95)
GHAIDHEALACH.
'S e caomh bhraon do ghràidh-sa
Dh' fhàg mi fionnor, ùr ;
'S tha mi ghnùth a' sireadh
Dìreadh suas nan stùc ;
'N uair bhios deuran fallais
'G uisgeachadh mo chùrs',
'S tusa fàth mo shòlais,
M' ainnir og, 's mo rùn.
'N uair is duirche m' oidliche,
'S mi gun soiUs' gun treòir,
Tha grad aiteal m' inntinn
A' leum siar ad chòir ;
'S thèid mi troimh gach cruaidhchàs
Chosnadh buaidh do phòig,
Dli' fhaotainn seilbh gu bràthach
Air do làimh fa-dheòidh !
SORAIDH LEIS A' MHAIGHDINX.
Soraidli leis a' mhaighdinn a tha gun ghruaim,
'S ann a tha mo ghaols' ann an Gleanndaruail,
Soraidh leis a' mhaighdinn a tha gun ghruaim.
Soraidh uam thar tuinne, far am bheil a' chruinneag,
Mur dean saor a' ghiubhais d'fhuaran a thoirt bhuam,
Soraidh, etc.
Soraidh bhuamsa thairis, o 'n Mhorairne ghleannaich,
Far am bheil mo leannan— caol mhala gun ghruaim.
Soraidh, etc.
Cha tèid fois no tàuih dhomh, ma ni pàipeir bàn e,
Gus an chuun mi 'n d' ràinig an tè bhàn gun gliruaim.
Soraidh, etc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence