Skip to main content

‹‹‹ prev (83)

(85) next ›››

(84)
ORAIN
Moire, 's e mo gliaol s' an t òigeir,
Dòmhmillacli a' bliroillich bliòidhicli
'S e chuir mi cho fad an toir ort,
Thii bhì 'giùlan còt' an rìgh.
Olaidh sinn, etc.
BOIOHEAD.
Le IST. Mac-N'eill.
Tha ni' intinn sgìth bhi cuimhneach'
Air caoimhneasaibh do bheòil ;
'S nach fhaic mi là no dh-oidhche
Aon bhoisg' air tè do neòil.
O nach robh mise lànih riut,
A ghràidh mar b'e ar nòs,
Ag òl mar mhil do mhànrain,
Bhiodh tairis, blàth, a's fòil.
Tlia maise thar gach gruagaich
A' cuartachadh do ghnùis ;
'S mu d' phearsa chuimir, shuairce
Tha suaicheant' do gach sùil ;
Ach bòichead tha ni 's àirde :
Bhi dìleas, gràdhach, ciùin,
Bhi sealbbachadh deagh bheus —
'S leat fèin sud uile, rìiin !
Tha mais' ann fath'st is miannaich'—
Bhi diadhaidh ann an gnè ;
'S e so am Fuaran fìor
O 'n dli' iadh gach mais fo 'n glirèin :
'S e so rinn thusa sgiamhach,
A' riarach m' aigne fèin ;
'S a naisgeas sinn gu sìor,
Mu rìgh chath'r Mais' air ncamh,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence